Seumas Greumach

Seumas Greumach

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain nam pàirt cudromach de bheatha an teaghlaich.

Nuair a bha e mu naoi bliadhna a dh'aois, thòisich e a' buinnig farpaisean aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, air a bhrosnachadh le Coinneach MacCoinnich, a mhaighstir-sgoile, agus le bean bràthair a sheanar Seòrdag Mhoireach à Aichillidh Bhuidhe còmhla ris na chuir e seachad iomadh uair a thìde ag ionnsachadh mu òrain agus eachdraidh.

Anns an Àrd-sgoil an Ulapul, bha e ag ionnsachadh na pìoba còmhla ri Tormod MacGillìosa agus ged a b' e seinn am prìomh chuspair a bh' aige ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba (an RSAMD) lean e air le pìobaireachd cuideachd. Ann an 2003, cheumnaich e le B.A. (le Urram) ann an Ceòl na h-Alba.

Tha e fhèin air a ràdh gur e am brosnachadh a fhuair e bhon t-seinneadair Ceana Chaimbeul, a bha ga theagasg anns an RSAMD, a thug dha misneachd pàirt a ghabhail san fharpais BBC Radio Scotland Young Traditional Musician of the Year 2004. B' e a' chiad fhireannach a choisinn an fharpais agus a' chiad sheinneadair Gàidhlig.

Bhuannaich Seumas Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Loch Abar ann an 2007. Tha e air pàirt a ghabhail ann an iomadh program telebhisean agus rèidio bhon uair sin agus air seinn an iomadh àite.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.