Seumas Grannd

Rugadh an t-Oll. Seumas Grannd ann an ospadal Bhaile nan Granndach air 26 Dàmhair, 1950. Bha dachaigh athair, Uilleam Granndach, agus a mhàthar, Catrìona Màiri Headrington, ann a Rat Mhurchais, faisg air an Aghaidh Mhòr, far a bheil Seumas agus a bhean, Alison, a' fuireach an-diugh. Ged a b' ann am Brechin a bha athair agus a mhàthar air an togail, bha an cuideachd bho thùs à sgìrean Obar Neithich agus Rat Mhurchais. Bha am far-ainm "Saighdeir" a' ruith ann an teaghlach athair, oir bha sinn-sinn-sinn-seanair Sheumais na shaighdeir aig Blàr Waterloo.

'S aig a shinn-sheanmhair a chuala Seumas Gàidhlig airson a' chiad uair agus nuair a bha e fhèin na dheugaire chaidh e timcheall seann daoine na sgìre a bha fileanta sa chànan airson a' Ghàidhig sin ionnsachadh bhuapa. An-diugh tha Seumas fileanta agus na eòlaiche air Gàidhlig Srath Spè.

Chaidh Seumas do Bhun-sgoil Rat Mhurchais agus do dh'Àrd-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich mus deach e gu Oilthigh Obar Dheathain, far an tug e a-mach ceum ann an Ceiltis. An dèidh sin rinn e ceum ann am foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu agus fhuair e teisteanas teagaisg bho Cholaiste Chnoc Iòrdain. Ann an 1983 thill e gu Oilthigh Obar Dheathain a theagasg ann an Roinn na Gàidhlig, obair a rinn e airson 21 bliadhna. Ann an 1988 chuir e crìoch air PhD a bha a' dèanamh coimeas eadar Gàidhlig Ìle agus Gàidhlig sgìrean eile ann an Earra-Ghàidheal.

Phòs Seumas agus an t-Oll. Alison Diack, à Obar Dheathain, ann an 2004 agus tha aon nighean aca, Màiri. Tha Seumas a-nise ag obair do Bhòrd na Turasachd, a' teagasg clasaichean-oidhche agus a' teagaisg às leth Sabhal Mòr Ostaig.

Chan eil Seumas a' seinn cho tric an-diugh agus a b' àbhaist dha ach chlàr e an t-òran Guma Slàn do na Fearaibh dhan BhBC ri taobh uaigh a' bhàird, Dòmhnall Phàil, ann an Cladh Chinn a' Ghiùthsaich.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.