Seumas Caimbeul

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dàrna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig Seumas Chaluim Sheumais agus Màiri Anna NicLeòid, Màiri Anna Choinnich a' Chanaich. Bha ceathrar pheathraichean agus dithis bhràithrean aige, ach chaochail piuthar agus bràthar anns na h-ochdadan.

Chaidh e gu Bun-sgoil Bhatunn agus Àrd-sgoil Phort Rìgh. An dèidh greis ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus greis ri sud is seo ghabh e suim ann an obair poileas agus chuir e seachad deich bliadhna fichead na phoileasman ann an Glaschu.

Ann an 1971 phòs e fhèin agus Karen NicDhòmhnaill às an Ath Leathann. Thachair iad air a' chiad bhliadhna ann a' sgoil Phort Rìgh. B' i Karen nighean le bràthair an Dotair Ailean Dòmhnallach (An Dotair Mòr), pìobaire agus britheamh pìobaireachd ainmeil.

Bha an taigh anns an do thogadh Seumas làn ciùil - seinn is pìobaireachd - agus bha e deònach 's fhuair e 'n cothrom òrain ionnsachadh bhon teaghlach air fad.

Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1971 agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 1974. Chuir e seachad còig bliadhna fichead còmhla ri Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus deich bliadhna còmhla ri Còisir Ghàidhlig Shruighlea, an dà chuid mar sheinneadair agus mar fhear-stiùiridh, leis gach còisir.

Bidh e fhathast a' seinn leis fhèin agus mar bhall de Na Caimbeulaich. Tha seo air a thoirt air feadh Alba, Sasainn, Èirinn, An Fhraing, Canada agus, ann an 2009, fhuair e cuireadh seinn anns an Taigh Opara Rìoghail ann am Bayreuth anns a' Ghearmailt, a' chiad uair a chualas Gàidhlig anns an àite ainmeil sin.

Bidh Seumas tric na bhritheamh aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta.

Dh'ionnsaich e Àirigh Luachrach Ùige bho athair agus bho Mhurchadh, bràthar athar.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.