Seonaidh MacGillìosa

Seonaidh MacGillìosa

Rugadh Seonaidh MacGillìosa, Seonaidh Theàrlaich, ann an 1897. B' ann às an Dìg ann a' Stafainn a bha e. Bha sianar san teaghlach, nam measg Seonaidh 'Beag' (e-fhèin) agus Seonaidh 'Mòr' agus Ciorstaidh 'Bheag' agus 'Ciorstaidh Mhòr'.

Dh'fhàg Seonaidh an taigh aig aois 15 airson a dhol gu muir. Bha e air na soithichean a bha a' giùlain shaighdearan àm a' chogaidh agus, às a dhèidh, fhuair e obair aig Urras Chluaidh, a' Skye Navy, mar a chante ris.

Bha a bhràthair Teàrlach ag obair na croit anns an Dìg agus bhiodh Seonaidh agus a theaghlach a' dol dhachaigh dhan t-Eilean Sgitheanach a h-uile samhradh. B' e càil a b' fheàrr le Seonaidh, nuair a thilleadh e dhan Eilean, ceum a ghabhail suas dhan Chuith-raing.

B' e duine sònraichte a bh' ann, a bha an còmhnaidh air a dhòigh a' gabhail òrain. Bha e gu h-àraidh dèidheil air an h-òrain aig bàird Sgitheanach leithid Niall Peutan (Niall Gow), Dòmhnall MacNeacail (A' Saighdear) agus Niall Mac a' Phearsain (Niall Ceannaiche). B' e 'Òran a' Loch Ness Monster' le Dòmhnall MacNeacail an t-òran a b' fheàrr leis a bhith a' seinn.

Cho luath agus a thilleadh e gu tìr, bhiodh e a' sgrìobhadh òrain dha na balaich a bha còmhla ris aig muir. Bha e dèidheil air Gàidhlig a leughadh agus a sgrìobhadh, agus rinn e fhèin corra òran a bharrachd air a bhith ag eadar-theangachadh òrain Bheurla leithid 'Red River Valley' dha mhac, an seinneadair Alasdair MacGillìosa.

Bha e air leth moiteil nuair a choisinn dithis chloinne leis Buinn Òir a' Chomuinn, Alasdair sa bhliadhna 1957 agus Anna ann an 1952.

Bhàsaich Seonaidh ann a 1971 aig aois 87.

Tha sinn an comain mac Sheonaidh, Alasdair MacGillìosa, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.