Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Rugadh Seonaidh 'Beag' Mac a' Mhaoilein, mac Sheonaidh Ciorstaidh, ann an Leumrabhagh air 7 Sultain, 1939. Bha athair a' ruith bus eadar Steòrnabhagh agus bailtean ceann a deas sgìre nan Loch. B' i Sìne Anna Choinnich Dhonnchaidh a mhàthair agus bhuineadh an dithis phàrant do Leumrabhagh. Bha còignear bhalach agus aon nighean anns an teaghlach.

An dèidh na sgoile fhàgail thòisich Seonaidh a' breabadaireachd. Bha beairt aig a' bhràthair, Coinneach, agus chionns gum biodh esan uaireannan a' dràibheadh bus athar, fhuair Seonaidh cothrom a' bheairt ionnsachadh. Lean sin gus an d' fhuair e beairt dha fhèin nuair a bha e mu sheachd-deug agus tha e air a bhith ris an obair sin chun an latha an-diugh. Nuair a bha clòithtean gann, chuir e seachad beagan ùine a' dràibheadh bhan a' bhanca feadh Leòdhais agus na Hearadh trì latha san t-seachdain.

Bha guth seinn math aig a mhàthair agus a bràithrean. Nuair a bha Seonaidh na bhalach-sgoile bhiodh cèilidhean gan cumail mu uair sa mhìos tron gheamhradh ann an taighean-sgoile na sgìre, ann am bailtean mar Crò Mòr is Marabhaig agus Leumrabhagh, agus 's ann aca sin a thòisich Seonaidh a' seinn an toiseach.

Bha a bhràithrean Aonghas agus Donnchadh ann an Sgoil MhicNeacail agus, ged nach biodh iad a' seinn, bhiodh iad a' sgrìobhadh sìos facail òrain agus dh'ionnsaich Seonaidh mòran bhuapa sin.

Fhuair e mòran òrain cuideachd bho sheann daoine an àite agus bho na seòladairean, nuair a thilleadh iad air ais bho mhuir. Thòisich uidheaman clàraidh a' fàs cumanta cuideachd agus fhuair e sin feumail airson òrain ionnsachadh.

Bha e fhèin agus Aonghas, a bhràthair as òige, nam buill de Chòisir nan Loch, mar a bha Donaidh "Gazette" MacAonghais, agus bhiodh iad a' dol gu mòdan. Nuair a thòisich co-fharpais chòmhlain aig a' mhòd roghnaich iad a dhol ann nan triùir, agus fhuair iad a' chiad duais aig Mòd Dhùn Omhainn, ann an 1968.

Bha iad a' cluiche mar chòmhlan ron sin ach b' e òrain Bheurla a bhiodh iad a' seinn - Country and Western agus òrain mar 'Yellow Submarine'."

Nochd Na Lochies aig cèilidhean air feadh Alba, air àrd-ùrlar ann an Lunnainn agus air prògraman telebhisean leithid 'S e Ur Beatha.

Tha iad air seachd clàir a dhèanamh agus co aig tha fhios nach nochd fear eile.

Ann an 1975, phòs Seonaidh agus Etta Bell NicLeòid, bhon a' Chnoc anns an Rubha, nighean Aonghais Alasdair Chaluim Alasdair. B' ann aig a seanair, Alasdair, a bha am bàta ainmeil Mùirneag agus b' e am bàrd Uilleam MacCoinnich bràthair a sinn-seanar. Tha an dachaigh aca ann a' Siùlaisiadar.

Tha ceathrar chloinne aca agus, ged a tha guth math aca uile, chan eil ach Calum Ailig air slighe a' chiùil a leantainn. Choisinn esan Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002, agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2004.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.