Seonag NicLeòid

Seonag NicLeòid

Rugadh Seonag Chaimbeul, ann an Còrnal, ann a' Ròdhag anns an Eilean Sgitheanach, air 26 Sultain, 1920, a nighean a b' òige aig Calum Sheumais agus Anna NicGumaraid, le chèile à Ròdhag. Bha naoinear anns an teaghlach, sianar nighean agus triùir ghillean.

Bha iad uile air am beò-ghlacadh le ceòl is òrain. B' e deagh phìobaire a bha na h-athair agus bha dithis de a bràithrean a' cluiche na pìoba cuideachd. Bha guth brèagha aig a màthair agus bhiodh a' mhòr-chuid den teaghlach a' seinn.

Chaidh Seonag do Bhun-sgoil Bhatain agus an dèidh sin do dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh. An dèidh còig bliadhna san àrd-sgoil, chaidh i a dh'Ospadal Rìoghail Dhùn Èideann a dh'ionnsachadh a bhith na banaltram.

An dèidh sin bha i còmhla ri na Queen Alexandra Nurses ann an Ospadal Chill Eàrnain, taobh a-muigh Ghlaschu, far an robh saighdearan leònte air an coimhead às an dèidh. Sin far na choinnich i a-rithist ri Calum MacLeòid, à Àird Àsaig, as na Hearadh. Bha iad air a bhith ann an sgoil Phort Rìgh còmhla agus phòs iad ann an 1948.

Chuir iad seachad a' chuid mhòr dhem beatha ann an Glaschu, an toiseach ann an sgìre Finnieston, an uair sin ann a' Woodside agus mu dheireadh ann an Cnoc Iòrdain. Bha Calum na Iar-rùnaire aig a' Chomunn Ghàidhealach bho 1950 gu toiseach 1954 agus bhon uair sin gus an do leig e dheth a dhreuchd aig deireadh 1981, bha e na Rùnaire agus na Rianadair.

Bha Seonag ag obair anns an Southern General agus an dèidh sin anns an E.N.T. ann an Glaschu.

Bha ùidh mhòr aice ann an dràma Gàidhlig agus bha i gu mòr an sàs ann còmhla ris a' Chomunn Sgitheanach agus Comunn Dràma Ghlaschu. Bha i cuideachd na ball airson iomadach bliadhna de Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus b' i an neach-teagaisg Gàidhlig a bh' aca. Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Inbhir Nis, ann an 1957.

An dèidh a dreuchd a leigeil dhith gu h-oifigeil, bha Seonag ag obair pàirt-ùine ann an Ospadal Homoeopathic Ghlaschu, air Great Western Road. Nuair a leig Calum dheth a dhreuchd fhèin aig a' Chomunn Ghàidhealach chaidh iad a dh'fhuireach a dh'Àird Àsaig, far an do chuir iad seachad an còrr dhem beatha. Bha ùidh aig an dithis aca ann an gàirnealaireachd agus fhuair iad dùbhlan le droch gheamhraidhean na Hearadh agus na rabaidean a bha feuchainn ri iad fhèin a bheathachadh air an cuid saothair.

Chaochail Seonag ann an Taigh na Hearadh air 19 Iuchar, 2004, agus tha i fhèin agus Calum air an tiodhlacadh ann an Cladh Losgaintir.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.