Seasaidh NicAoidh

Seasaidh NicAoidh

Rugadh Seasaidh NicAoidh ann an Circebost ann am Beàrnaraigh Leòdhais, an treas duine dhan teaghlach aig Ciorstaidh Màiri agus Coinneach MacAmhlaigh. B' e teaghlach air leth ceòlmhor a bh' annta. Bha Coinneach agus Ciorstaidh Màiri math air seinn agus bha innealan-ciùil leithid meileòidian, fidheall, tromb agus organ-beòil cuideachd san dachaigh.

Aig aois 16 dh'fhàg Seasaidh Beàrnaraigh agus chaidh i gu ruige Lunnainn far an robh dithis de pheathraichean a màthar a' fuireach. Bha i ag obair airson greis còmhla ri piuthar a màthar, a bha na còcaire aig Sir Christopher Chancellor, a bha os cionn an t-seirbheis naidheachdan Reuters bho 1944 gu 1959.

Ged a chòrd sin rithe bha e na h-inntinn gun robh i airson obair clèireachd a dhèanamh agus fhuair i obair aig a' chompanaidh Dickens and Jones a bha fo smachd Harrods. Bha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Lunnainn. 'S ann an Lunnainn a thàinig atharrachadh na beatha.

Thug cianalas airson Alba oirre gluasad a Ghlaschu agus dh'fhuirich i an sin gus an deach i a Dhùn Èideann airson dà bhliadhna a dhèanamh na h-oileanach aig a' Faith Mission.

Nuair a bha i deiseil sa Cholaiste chaidh a cuir gu taobh an ear na dùthcha far an robh i fhèin agus dithis à Èirinn agus nighean à Sasainn a' tadhal air diofar àiteachan, nam measg Prìosan Cheann Phàdraig, a' seinn agus a' bruidhinn air an t-soisgeul.

Thill i dhachaigh a choimhead às dèidh a h-athair agus a màthar. Chaidh i turas a chèilidh air bana-charaid à Bail an Truiseil agus sin far an do choinnich i ri Donnchadh Dubh. Phòs iad agus tha ceathrar theaghlach aca.

Chlàr Seasaidh an laoidh Fulangas Chrìosd dhan BhBC anns na trì ficheadan agus tha i den bheachd gun e an t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh a dh'innis gun robh guth seinn aice.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.