Ruaraidh MacLeòid

Rugadh Ruaraidh MacLeòid air 15 Màrt, 1903, ann an "Stocanais ghruamach, le chreagan mun cuairt air" ann am Bàigh na Hearadh. Chante Bàrd Chaolas Stocanais ris, no Ruaraidh Cunnartach, no "Harris".

B' e an dàrna leanabh a bha aig Alasdair Ruaraidh Iain Mhòir a' Chaolais agus a bhean Ceiteag Tharmoid Bhig.

Ged a bha e math san sgoil cha robh cothrom aige leantainn ris an fhoghlam agus an dèidh an sgoil fhàgail thug e greis aig obraichean Lord Leverhulme san t-Òb. A bharrachd air sin, b' ann aig muir a bha e cha mhòr fad a bheatha, rud a bha, 's dòcha, na adhbhar aithreachais dha:

Gun tug an Tì làn chothrom dhomh
A dhol tro fhoghlam colaiste;
Gu fàgadh siud glè shona mi
Le m' choilear fad mo làithean.

Nuair bha mi òg bha ùidh orm
Bha eanchainn mhath is cuimhne agam;
Is chunntainn rìghrean 's rìoghachdan
Nach fhaic mi chaoidh ach pàirt dhiubh.

Fo ghruaimean mar tha mi 'n-diugh
Gur tric mi muigh air allaban
'S i gòraiche na h-òige 'n-diugh
A dh'fhàg a-muigh air sàl mi.

Ma gheibh thu bàs air bòrd innte
Cha chuir iad fiù na bòrdan ort
Ach canabhas aig seòldairean
A ghròbadh ort le snàthaid.

Tha e nàdarrach le sin gur ann mu sheòladh agus mu bhàtaichean a tha grunn de na h-òrain aige, ged a rinn e corra òran gaoil cuideachd. Ann an aon òran tha e ag innse mar a chaidh bàta air an robh e, gu tubaisteach, air Creag Ealasaid:

Thoisich cuid aca ri rànaich
Cuid ag èigheach air am màthair
Thug mi cliù dhan fhear a b' aìrde
Gu robh snàmh agam nam b' fheudar.

Ann am program a rinn i mun bhàrd air 30/06/2001, mhìnich Jo NicDhòmhnaill às na Hearadh mar a fhuair am bàrd an t-ainm Ruaraidh Cunnartach:

"Bha Fionnlagh MacLeòid, mac bràthair Harris, ag innse dhomh gur e Leòdhasaich a bha aig muir còmhla ris a' bhàrd a thug a thug am far-ainm Ruaraidh Cunnartach air, chionn cho geur-chuiseach agus cho deas-bhriathrach 's a bha e. Cha b' urrainn dhaibh facal a ràdh ris nach biodh freagairt aige dhaibh agus dh'fhaodadh e cuideachd an cur ann an òran gun maill sam bith. Mar sin bhiodh spòrs agus dibhearsain gu leòr a' dol."

Rinn Ruaraidh an t-òran Cùlaibh Èirinn aig àm an Darna Cogaidh nuair a bhuail torpedo bàta a bha an taobh thall dhen bhàta air an robh e fhèin, is iad a' gabhail fasgadh an iar air Èirinn air an t-slighe a-null don Èipheit.

Chunnaic e an sgrios le shùilean fhèin.

Chaochail Ruaraidh ann an 1965 an dèidh tubaist air soitheach leis an City Line, faisg air na Canaries. Chaidh a thiodhlacadh ann an Las Palmas.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.