Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag)

Rugadh Ruaraidh Caimbeul, Ruaraidh mac Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, air an robh Ròidseag agus "An Case" mar fhar-ainmean, ann a' Loch a' Chàrnain an Uibhist a Deas air oidhche Nollaig, 1900. Mus robh e ach na chnapach, thàinig an teaghlach a dh'fhuireach gu Taobh a Deas Loch Baghasdal.

A thaobh na bàrdachd, cha b' e a cheannachd a rinn e. Bha an tàlant aig grunn math san teaghlach mar a dh'innis Iain MacAonghais (Iain Pheadair) air BBC Radio nan Gàidheal air 31 Dùbhlachd, 1997:

"Bha Iain mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin ann, 's e bu shine de Chloinn Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin, agus Seonaidh mac Dhòmhnaill 'ic Iain Bhàin. Bha Seonaidh pòsta ach cha robh clann idir aige.

Ach Iain, bha mic aige a bha math air na h-òrain. Iain, a' fear as sine, agus bha Aonghas Iain math orra, agus gu h-àraidh Ruaraidh, a' fear ris an cante "An Case", bha esan math orra. Agus Seumas, bha e fhèin a cheart cho math.

'S bha rud as na Caimbeulaich a bha seo air fad, chan e a-mhàin òrain agus dèanamh òrain, ach naidheachdan is fios aca air a h-uile rud a bha dol air feadh na dùthcha o chionn ùine roimhe sin."

B' e Caimbeulach a bh' ann a' Ruaraidh bhon dà thaobh. B' e clachair a bha na athair agus bha a mhàthar, Màiri nighean Iain Ruaidh, na pupil-teacher ann a' Loch a' Chàrnain aig aon àm. Bha i cuideachd math air seinn agus chlàr Mairead Fay Seathach mòran òrain bhuaipe.

A rèir coltais bha Ruaraidh math san sgoil. Chaidh a chuir à Sgoil Ghearraidh na Mònadh gu Sgoil Dhalabroig far am faigheadh e foghlam aig ìre na b' àirde. Ach cha do dh'fhuirich e innte ùine mhòr sam bith. Mar iomadh balach Gàidhealach eile dhe linn, thog e air gu muir agus an obair ris am biodh e a' mhòr-chuid dhe bheatha.

B' e beatha chruaidh a bha aig seòladairean aig an àm, le uairean fada, droch bhiadh agus gainnead uisge air bhòidsichean a sheasadh bliadhna no còrr. Mar a chuir e fhèin e:

Gura mise tha cianail
Gur fada cian mi thar sàile
Is mi sa bhàt' air MacLay
B' e siud a' bhèist tha mi 'g ràdha;
Gun mi faotainn den bhiadh innt'
Ach an sìonnsalach grànda
'S mur a till i do Ghrianaig
'S e siud a' bhliadhna bheir bàs dhomh
'S nach fhaigh mi aist.

'S gura mis' tha gu tùrsach
'S i air a cùrs' chon na Stàitean
Mi gun fhios a'm dè 'n ùine
Mum bi dùil rithe dhachaidh;
Mar tha cùisean cho cruaidh oirnn
An t-uisge fuar a bhith glaist' oirnn
'S gun mi faotainn san uair ud
Na chuireas cuairt air mo charcas
Gam chumail glan.

Dh'innis an Caiptean Iain MacAoidh à Gleann Dail mar a bhiodh Ruaraidh a' dèanamh òrain:

"Nuair a bhiodh e airson òran a dhèanamh, choisicheadh e mach air deac agus bhiodh e a' coiseachd air ais 's air adhart airson uair an uaireadair no mar sin, agus thigeadh e air ais agus an t-òran aige."

Chan eil mòran nach eil eòlach air an òran A Pheigi a Ghràidh a rinn Ruaraidh do Pheigi Dhòmhnallach, Peigi Sheonaidh 'ic Dhòmhnaill 'ic Lachlainn, a rugadh an Rubh' Ghàsanais ann an 1911. Rinn e òrain gaoil cuideachd do Cheitidh Anna NicNeacail às an t-Eilean Sgitheanach a bha a' teagasg air Taobh a Deas Loch Baghasdal airson greis agus a bha a' loidseadh an taigh Chloinn Anndra.

Gur tric ort mi smaointinn gach uair 's mi leam fhìn
'S cho fad 's tha thu bhuam a dh'fhàg gruaim na mo chridh';
Gum bi deòir air mo ghruaidhean is tuaineal nam cheann
Man ghaol thug mi òg dhut fo cheòthar nam beann.

Ach bha Ruaraidh gu h-àraidh ainmeil airson eirmseachd, agus 's iomadh sgeulachd a bha air innse mu dheidhinn. Bha Ceitidh Alexander à Gleann Dail ag innse mu thuras a bha e an taigh-òsta Loch Baghasdal:

"An uair sin, 's e tocsaidean as am biodh iad a' faighinn leann. Agus feumaidh gu robh iad car trang, 's nach robh mòran aca airson an tocsaid a ruidhleadh a-mach no staigh, no càite robh iad a' dol ga chuir.

'S cò bh' as a' bhàr ach Ròidseag.

Chaidh iad a-staigh far an robh Ròidseag, 's thuirt iad ris am biodh e cho math 's gun cuireadh e car dhan tocsaid còmhla riutha.

"'S mise, a shìorrachd," arsa Ruaraidh, "a chuireas. Nach iomadh car a chuir i fhèin dhìomsa!"

Bha naidheachd eile air innse mu thuras a bha e air bàta Mhic a' Bhruthainn a' tighinn dhachaigh a Loch Baghasdal. Bha am bàta a' tighinn a-staigh gu Calbhaigh, agus bha grunn dhaoine, Ruaraidh nam measg, nan seasamh air an deac.

Thàinig a' fear a bha seo thuige, 's dh'fhaighnich e dha, "A bheil sibh a' tighinn aiste ann an a' seo, a Ruaraidh?"

"O chan eil," arsa Ruaraidh, "tha mi dol a dh'fhuireach gus a' faigh i staigh chun a' chidhe!"

Tha an aon eirmseachd cho tric ri fhaicinn ann an òrain leithid Òran na h-Airship:

Cha bhi mi idir ga cheiltinn, bha mi fo eagal 's fo chùram,
'S bha mi 'g ràdh nach b' e Freasdal chuir air an trip-sa co-dhiù mi;
Ach ged tha iomadach bliadhna nach robh mi shìos air mo ghlùinean
Bhon a ghluais i bhon talamh cha d' rinn mi car ach ag ùrnaigh
Gu faighinn aist'.

Nuair a ràinig i cala bha gach dad ann an òrdan,
Cha robh feum air a ceangal, 's rinn i laighe gu stòlda.
Chaidh mi staigh airson glainne, 's thug mi dalladh air òrain
'S bha mi dannsa rim fhaileas bhon fhuair mi tarsainn na neòil
'S mi gun aona scratch.

Ann an 1941 bha Ruaraidh aig an taigh air Taobh a Deas Loch Baghasdal nuair a chaidh am Politician air na sgeirean mu leth mhìle an earra dheas air Calbhaidh, le còrr air fichead mìle case uisge-beatha anns na tuill aice. Bha e ag obair greis còmhla ris an fheadhainn a thàinig ga briseadh suas ach ged a bha e a' dol innte tron latha, tha e coltach gu robh e dol innte air an oidhche cuideachd.

Rugadh air agus chaidh e fhèin is feadhainn eile a thoirt gu cùirt an Loch an Madadh. Fhuair càch greis sa phrìosan, ach fhuair Ruaraidh às leis le bhith a' cumail a-mach gur e tilleadh innte a dh'iarraidh a sheacaid a rinn e an oidhche chaidh a ghlacadh.

Ann an 'Òran a' Pholitician', tha e ag ràdh:

'S a Loch na Madadh chaidh mi sìos,
'S gam chuir an iarainn cinnteach:
Cha b' e seachdain, 's cha b' e mìos,
'S ann gheibhinn bliadhna prìosain.
Bha gèidsear, poileasman neo dhà
An-àird' airson mo dhìteadh,
Ach a dh'aindeoin an cuid beòil
'S ann gheibh an Ròidseag clìdhear.

Chaidh am bàta air an robh e àm a' chogaidh a chur fodha le torpedo agus, ged a shàbhail Ruaraidh aiste, chaidh a ghoirteachadh is b' fheudar dha tilleadh dhachaigh. Dh'ionnsaich e dràibheadh agus thug e greis ag obair do mharsanta, Dòmhnall Fearghasdan. Ach nuair a chaidh a' mharsantachd sin a reic, thill Ruaraidh gu muir.

Tha e coltach gur e seòldairean Leòdhasach a thug am far-ainm "An Case" air. Mar a thuirt Iain MacAoidh:

"'S e case a bh' ann, chionn cha robh e ach a' gàireachdaich abair bith dè an staid as am biodh e, agus 's ann mar sin a fhuair e an t-ainm. Bha meas mòr ac' air. Abair bith càite am biodh Ruaraidh, nan cluinneadh iad gu robh Ruaraidh as na Masons no an taigh-sheinnse eile ann a' Lunnainn, bha 'd a' cruinneachadh timcheall air. Agus bhiodh iad còmhla ris fhad 's a bhiodh iad ann am port."

Bha Aonghas Greumach (Am Misean) à Leòdhas tric an cuideachd Ruaraidh ann an iomadh baile puirt:

"Companaidh mhìorbhaileach a bh' ann an Ruaraidh. Chan iarradh tu bhuaidhe. Bha e math air seinn, 's chuala mi seinn e iomadach uair as na bàraichean as am bithinn fhìn a' callaigeadh.

Cha robh diofar cò a choinnicheadh e, cha chanadh iad càil dona mu dheidhinn Ruaraidh. Bha e cho faisg, 's cho tarraingeach, a' seòrsa duine a bh' ann dheth."

Bha an aon theisteanas aig Iain MacAoidh:

"Bha h-uile duine daonnan, bu toigh leotha tachairt air Ruaraidh chionn bheireadh e gàire orra ge bith dè mar a bha gnothaichean. Chuala mi gu leòr a bha còmhla ris aig muir a bha air falbh air bhòidsichean a bha gu math doirbh agus thigeadh Ruaraidh mun cuairt agus bha a h-uile duine an uair sin cho cridheil."

Fhuair Ruaraidh bàs aithghearr ann a' Lunnainn ann an 1947. Thugadh a chorp dhachaigh agus tha e air a thiodhlacadh ann an Uibhist.

Bha Ciorstaidh Chaimbeul, a bha pòsta aig Seumas a bhràthair, a' cuimhneachadh air:

"Cha robh e ro àrd buileach idir, ach 's e duine tiugh a bh' ann le aodann cruinn, toilichte. Bidh cuimhne aig a h-uile duine air Ròidseag. Chluinneadh iad e a' seinn a-mach 's a-staigh a' rathad. Mar a biodh e a' seinn bhiodh e a' feadaireachd, 's bha e daonnan cho toilichte. Chan fhaca duine gruaim riamh air."

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.