Ruairidh MacCoinnich

Ruairidh MacCoinnich

Rugadh Ruairidh MacCoinnich, Ruairidh a' Ghlinne, ann an Gleann Tharmsaig, eadar Urgha agus Carragraich, faisg air an Tairbeart air 9 Cèitean, 1888.

B' i Cairistìona a' Bhàird a mhàthair. B' e Niall Moireasdan (Bàrd Phabaigh) a sheanair agus b' e Niall Dòmhnallach, Niall Mòr, Bàrd Losgaintir co-ogha Ruairidh. Mar sin faodar a ràdh gu robh smior na bàrdachd anns an teaghlach. B' e Coinneach Thormoid athair agus b' ann à Loch Carrann a thàinig na daoine aige-san bho thùs.

Phòs Ruairidh Catrìona NicAmhlaigh, nighean Thormoid Shomhairle à Greòsabhagh agus b' ise piuthar màthar an t-seinneadair Uilleam Iain MacAmhlaigh. 'S ann dhi a rinn Ruaraidh an t-òran Fail il ì ho rò mo Chailin.

Ghluais iad do Phort nan Long anns an t-Eilean Sgitheanach còmhla ri mòran eile às na Hearadh anns na 1920an. Cha do chòrd seo idir ri Catrìona agus bha cianalas mòr oirre agus thill i air ais do na Hearadh. Dh'fhan Ruairidh anns an t-Eilean Sgitheanach airson greis ach an ceann ùine thill esan cuideachd agus bha an dachaigh ann an Gleann Tharmsaig bhon uair sin.

Bha sianar de theaghlach aca, còignear nighean, Ciorstaidh, Màiri Sarah, Norah, Raonaid agus Màiri Anna, agus aon bhalach, Coinneach. Chaochail Catrìona, bean Ruairidh, air 3 Sultain, 1935, sia mìosan an dèidh dhan t-siathamh pàiste, Màiri Anna, a bhith aice. Chaidh a' chlann a b' òige, Màiri Anna agus Raonaid, a thogail còmhla ri an seanmhair ann an Greòsabhagh agus càch còmhla rin athair.

'S e clachair a bh' ann a' Ruairidh agus bha e ag obair air na rathaidean aig a' Chounty bho thill e às an t-Eilean Sgitheanach gus an do sguir e a chosnadh.

Chaochail Ruairidh a' Ghlinne ann an Taigh na Hearadh air an Tairbeart, air 7 Ògmhios, 1978, aig aois 90.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.