Ruairidh Mac Mhuirich (An Clàrsair Dall)

Rugadh Ruairidh Mac Mhurich, An Clàrsair Dall, ann am Bràgar, Leòdhas mu 1646. Bha e de shliochd a' Bhritheimh. Fhad 's a bha e san sgoil an Inbhir Nis ghabh e a' bhreac, tinneas a dh'fhàg e dall. B' ann ri linn seo 's dòcha a thòisich e ri 'g ionnsachadh na clàrsaich gu proifeiseanta agus chuir e crìoch air a thrèanadh ann an Èirinn.

Nuair a thill e a dh'Alba bha e an lùib còmhlan fhèistearan a bhiodh a' siubhal na dùthcha gus na thachair e an Dun Èideann ri Iain Breac MacLeòid, ceann-cinnidh nan Lèodach. Thug MacLeòid dha tuathanas air an robh Clagan, mu thrì mìle tuath air Dùn Bheagain, 's dòcha mar phàigheadh airson a bhith na chlàrsair as a' Chaisteal. Bha Pàdraig Òg MacCruimein na phìobaire ann mun aon àm.

Mu, no ro 1688, thàinig sgaradh eadar Iain Breac agus Ruairidh agus chaidh an clàrsair a dh'fhuireach an Tobhta Mòr an Gleann Eilge. Bha e an sin gu mu 1700, nuair a thòisich e a' siubhal na dùthcha uair eile, a' dol bho thaigh mòr gu caisteal, a' seinn agus a' cluich dha na h-uaislean.

Chaochail Iain Breac sa bhliadhna 1693 agus 's ann ag aoireadh agus a' gearain mun oighre, Ruairidh, a tha An Clàrsair Dall anns an t-òran Òran do Mhacleòid Dhùn Bheagain, a tha ann an riochd còmhradh eadar am bàrd agus mac-talla. Tha e a' toirt dealbh air an dòigh-beatha a bh' ann an Caisteal Dhùn Bheagain "Dùn ràtha nan cuach" nuair a bha e fo riaghladh Iain Breac, agus mar a tha e fo riaghladh Ruairidh:

gun mhire, gun mhùirn,
gun iomartas dlùth nan còrn,
gun chuirm, gun phailteas ri dàimh,
gun mhacnas gun mhànran beòil.

Faisg air deireadh a bheatha tha e coltach gun do thill An Clàrsair Dall dhan Eilean Sgitheanach agus nuair a dh'eug e mu 1713, b' ann an sin a chaidh a thiodhlacadh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.