Ruairidh Caimbeul

Ruairidh Caimbeul

Rugadh Ruairidh Caimbeul, Ruairidh Pheter Ruairidh, anns an Nasg am Barraigh, air 22 Ògmhios, 1937. B' i Theresa NicIain, Tèireag Aonghais Chaluim, a mhàthair agus b' ise piuthar do Chaluim agus Anna NicIain, a rinn clàraidhean cho lìonmhor is luachmhòr de dh'òrain 's de sgeulachdan do Sgoil Eòlais na h-Alba, do Chaimbeulach Chanaigh agus don BhBC. B' e Ruairidh an aon bhalach agus b' e cuideachd a b' òige ann an teaghlach anns an robh triùir nighean, Catrìona, Màiri agus Annag.

Chaidh e do Sgoil Bhagh a' Chaisteil agus, aig aois 15, gu Sgoil a' Ghearastain agus à sin gu Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich e le M.A.. An dèidh a thrèanadh a dhèanamh aig Colaiste Chnoc Iòrdain, bha Ruairidh fortanach obair fhaighinn ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil. An ceann còig bliadhna ghluais e a Ghlaschu gu Sgoil Naomh Gregory, air taobh an ear a' bhaile.

Phòs Ruairidh agus Sìne NicCeallaig, a bhuineas don Ghearastan, ann an 1968, agus tha triùir chloinne aca, Rory, Mairianna agus Innes. An dèidh pòsadh ghluais iad gu Ceann Loch Lìobhann, far an robh iad airson trì bliadhna.

Ghluais iad a-rithist gu deas, gu Sruighlea, airson cothrom a thoirt do Ruairidh teisteanas fhaighinn a leigeadh dha matamataig a theagasg. An dèidh sin fhaighinn, bha e ag obair ann an sgoiltean ann an Alva, Alloa, Sruighlea agus An Eaglais Bhreac, gus an do leig e dheth a dhreuchd, ann an 1996.

Nuair a ghluais e gu deas chaidh a thàladh do Chòisir Ghàidhlig Shruighlea agus 's ann aig an àm sin, is e mu 30 bliadhna a dh'aois, a thòisich e air seinn ged a bha e na phìobaire fada na bu tràithe. Bha Calum, bràthair a mhàthar, air feadan a thoirt dhà nuair a bha e 11 agus a' phìob bheag nuair a bha e 14. Bha e air beagan ionnsachaidh fhaighinn bho Niall Aonghas Dòmhnallach, a bha na cheannard air Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, agus bho Dhòmhnall MacIain, a bha càirdeach dha mhàthair.

Tha an ceòl anns an ath ghinealach cuideachd. Chuir Ruairidh agus dithis de chloinn air chois an còmhlan Gleus, còmhla ri Dòmhnall MacCoinnich, agus airson mu shia bliadhna bhiodh iad a' cluich ann an clubaichean agus aig fèisean air feadh na dùthcha. Rinn Rory, a' cluich na pìoba agus an fhìdeig, agus Mairianna air an fhidheall agus air a' phiàna, ainm dhaibh pèin anns a' chòmhlan Deaf Shepherd agus bha Rory ann an Old Blind Dogs, The Big Spree agus Caledon an dèidh sin.

Na dheugaire cha robh uibhir de dh'ùidh aig Innes ann an ceòl. An dèidh ceumnachadh às an oilthigh chaidh e a dh'obair mar dhotair a dh'Astràilia. Ach 's fheudar nach tèid dualchas an aghaidh nan creag agus bho chionn bliadhna bha e anns a' chiad àite ann an co-fharpais ceòl bluegrass le luchd-ciùil bho air feadh Astràilia a' gabhail pàirt.

Tha CD de na h-òrain aig Ruairidh air an clàradh fon t-ainm Tarraing Anmoch. Tha Ruairidh agus Sìne a-nise air a dhol air ais a dh'fhuireach a Bharraigh agus tha an dachaigh anns a' Ghleann, ann am Bàgh a' Chaisteil.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.