Rob MacAoidh (Rob Donn)

B' ann ann an Allt na Caillich, an Dùthaich MhicAoidh, a rugadh Rob 'Donn' MacAoidh, ann an 1714. Cha robh e riamh san sgoil 's cha b' urrainn dha leughadh no sgrìobhadh. Nuair a bha e mu sheachd no ochd bliadhna a dh'aois thugadh e a-steach do dhachaigh fir-taca air an robh Iain MacEachainn, far na dh'ionnsaich e mu sprèidh 's mu dhròbhaireachd agus far an robh e gus na phòs e Seònaid NicAoidh mun bhliadhna 1740. Bha co-dhiù ochdnar chloinne a thàinig gu ìre aca, còignear mhac agus triùir nighean.

A bharrachd air beagan bhliadhnaichean san arm, chuir Rob Donn seachad a' mhòr-chuid de bheatha ann an Dùthaich MhicAoidh, a' buachailleachd, a' dròbhaireachd, a' dèanamh seòrsa de gheamaireachd, a' sealg agus a' poidseadh.

Tha e coltach gur e duine meadhanach àrd a bh' ann, dèante na bhodhaig, le falt agus sùilean donn. Bha e aithnichte bho bha e glè òg airson cho geur, sgaiteach 's a bha e, agus cho faisg 's a bha a fhreagairt dha. Bhiodh e tric a' còmhradh no a' freagairt cheistean ann an rannan bàrdachd. Bha e beachdail, pongail, agus cha robh eagal air a bheachdan a nochdadh.

Nuair a dh'eug Iain MacEachainn ann an 1757 sgrìobh Rob Donn marbhrann dha a tha ag ràdh:

Dearbh cha b' ionnan do bheatha
'S do dh'fhir tha fhathast an caomhnadh
Thionail airgead is fearann
'S bidh buidheann eile gan sgaoileadh
Bhitheas fèin air an gearradh
Gun ghuth an caraid gan caoineadh
Air nach ruig dad de mholadh
Ach "Seall sibh fearann a shaor iad!"

Tha iad laghail gu litireil
Is tha iad nan deibhtearan geura
Is iad a' pàigheadh gu moltach
Na bhios aca air a chèile.
Ach an còrr, thèid a thasgaidh
Gur cruaidh a cheiltinn on fhèile,
Is tha an sporan 's an sùilean
Cheart cho dùint' air an fheumnach.

Tha e a' crìochnachadh:

'S tric le marbhrannan moltach
A bhios cleachdach sna dùthchaibh-s'
Gum bi coimeasgaibh masgaill
Tighinn a-steach annt 'na dhriùchdan;
Ach ged bhithinn-s' air mo mhionnan
Don Tì tha cumail nan dùl rium
Cha do luaidh mi mun duine-s'
Ach buaidh a chunnaic mo shùil air.

B' ann do nighean le Iain MacEachainn a rinn Rob Donn an t-òran Iseabail NicAoidh a chluinnear chun an latha an-diugh, agus b' ann do thè, Anna Mhoireasdan, a rinn e an t-òran gaoil ''S Trom Leam an Àirigh':

Anna bhuidhe 'n Dòmhnaill, nam b' eòl duit mo nì
'S e do ghaol gun bhith pàight' leag a-mhàn uam mo chlì;
Tha e dhomh à d' fhianais, cho gnìomhach 's nuair chì –
Diogaladh, 's a smùsach, 's gur ciùrrt' tha mo chrìdh'
Air gach trà, 's mi ann an strì
A' feuchainn ra àicheadh 's e fàs rium mar chraoibh.

Bha Rob Donn dèidheil air cuideachd dhaoine aig an robh foghlam, gu h-àraidh am ministear a bh' ann an Diùranais, Murchadh MacDhòmhnaill, duine fiosraichte aig an robh ùidh mhòr ann an litreachas Gàidhlig agus Beurla. Bha leithid a' cur meas mòr air cuideachd Roib air sgàth cho geur 's a bha an inntinn aige.

Bha obair mar dhròbhair ga thoirt gu ruige nam fèilltean mòra a bha an àiteachean leithid Craoibh, An Eaglais Bhreac agus cho fada air falbh ri Carlisle.

Bu toigh leam càradh na frìthe
Ged tha mi 'n Craoibh air bhòrd lom
Eadar Badaidh nan Caorach
Agus aonach nan tom;
Is na h-Ursannan riabhach
'N tùs na bliadhn' am bi clann
'S a bhi fo spìcean nan creagan –
Bu shaor mo leabaidh dhomh ann.

Tha còrr air 200 pìos bàrdachd no òrain le Rob Donn air lorg. Chaidh a' bhàrdachd aige a sgrìobhadh sìos bho aithris fhèin, gu leòr dheth le nighean leis a' mhinisteir Iain MacThòmais, a bha an Diùranais an dèidh an Dòmhnallaich.

Ged a rinn Rob Donn, mar bhàird eile na h-ochdamh linn deug, bàrdachd molaidh, bàrdachd nàdair agus òrain gaoil leithid 'Ged is Socrach mo Leabaidh', 's ann airson nan aoirean aige as ainmeil a tha e. Tha e tric e a' toirt breith air daoine agus air buidhnean, agus 's dòcha gur e an eisimpleir as ainmeile am marbhrann a rinn e don dà spìocaire nach do rinn math no cron fad am beatha, 'Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn'.

Aon duine 's bean on tàinig iad,
Na bràithrean seo a chuaidh;
Bha an aon bheatha thìmeil ac'
'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
Mun aon uair a bhàsaich iad,
'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh;
Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.

Daoine nach d' rinn briseadh iad
'S e fiosrachail do chàch,
'S cha mhò a rinn iad aon dad
Ris an can an saoghal gràs,
Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
Is thogadh iad, is dh'fhàs;
Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr',
'S mu dheireadh fhuair iad bàs.

B' e tachartasan ionadail glè thric a bha gluasad Rob Donn gu bàrdachd, agus bha e tric a' toirt beachd moralta air a cho-chreutair, bho uaislean na tìre gu buachaille a' chruidh, a rèir 's dè bha duine air a dhèanamh no dè seòrsa dol a-mach a bh' aige. Mholadh agus dhì-moladh e duine, a rèir 's mar a bha e fhèin ga fhaicinn.

Tha a gheurad cainnte ri fhaicinn cuideachd anns na h-òrain èibhinn aige, leithid 'Briogais Mhic Ruaraidh':

Nam faiceadh sibh leithid
Bha bann oirr' do leathair
Bha toll air a speathar
'S bha tuathag air;
'S bha feum aic' air cobhair
Mu bhrèidean a gobhail
Far am biodh am ball odhar
A' suathadh rith'.

Cha robh Rob Donn an sàs ann am Bliadhna Theàrlaich idir, oir cha b' ann air taobh a' Phrionnsa a bha Clann 'ic Aoidh, ach ann an dà òran, 'Òran nan Casagan Dubha' agus 'Òran don Phrionnsa Teàrlach', tha e a' dèanamh soilleir an spèis a bha aig na Gàidheil don Phrionnsa:

Dèanamaid comann fàilteach
Ris an là thug don t-saoghal thu;
Òlamaid deoch-slàinte nis
An t-Seumais òig on d' inntrig thu;
Le taing a thoirt don Àrd Rìgh
Gun d' fhuair do mhàthair lìobhraigeadh
Dheth h-aon bha do na Gàidheil
Mar bha Dàibhidh do Chloinn Isràeil.

Tha grunn de na h-òrain aig Rob Donn air an seinn fhathast ged a dh'eug e ann an 1778. Nochd na h-òrain aige an clò an toiseach ann an 1829 agus dà thuras ann an 1899, aon leabhar air a dheasachadh le Hew Morrison agus fear eile deasaichte le Adam Gunn agus Calum MacPhàrlain. Chan eil òrain Roib Duinn an clò an-diugh ach a-mhàin corra òran ann an diofar chruinneachaidhean.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.