Raibeart Burns

Raibeart Burns

Rugadh Raibeart Burns ann an Alloway, dà mhìle deas air Inbhir Àir air 25 Faoilleach, 1759. B' e tuathanaich aig an robh fearann air mhàl a bha na phàrantan ach rinn iad cinnteach gun d' fhuair Raibeart òg deagh sgoil. Bha e air leth dèidheil air leughadh agus thug sgrìobhaichean leithid Alexander Pope agus Lawrence Sterne buaidh air.

Cha robh obair chruaidh air tuathanas an teaghlaich a' tighinn air agus thòisich e a' cur seachad barrachd is barrachd ùine air bàrdachd, òl agus boireannaich. Bhiodh e cuideachd a' cruinneachadh òrain agus a' cur facail ùra uaireannan ri seann fhuinn, fuinn Ghàidhlig nam measg.

Rè ùine, phòs e Sìne Armour, màthair càraid chloinne a bh' aige, agus nuair a thàinig sgaradh as a' chàirdeas eatorra, theab e an dùthaich fhàgail le Highland Mary, Màiri Chaimbeul.

Chaochail Màiri gu h-obann agus chùm sin, agus an fhèill a bh' air a' chiad chruinneachadh den bhàrdachd aige, e ann an Alba.

'S e Ae Fond Kiss an t-òran as ainmeil a rinn e agus 's ann ri linn càirdeas a bha eadar e fhèin agus Agnes McLehose, ris na choinnich e an Dùn Èideann ann an 1787, a rinn e an t-òran. Bha Agnes pòsta ach dealaichte bhon duine aice, agus thairis air dà bhliadhna (1787 agus 1788) bha Raibeart agus i fhèin a' sgrìobhadh litrichean gu chèile, uaireannan dà thuras san aon latha.

B' ann an 1792, agus e air cluinntinn gu robh Agnes am beachd a dhol a-null thairis, a sgrìobh e Ae Fond Kiss.

Chaochail Raibeart Burns air 21 Iuchar, 1796, 's gun e ach 37 bliadhna a dh'aois.

Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche: An t-Urr. Ruaraidh Dòmhnallach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.