Raghnall MacGillìosa

Raghnall MacGillìosa

Rugadh Raghnall MacGillìosa, ann an Leacan Lì, ann am Bàigh na Hearadh, air 22 Ògmhios, 1918. Bha athair, Aonghas MacGillìosa, Aonghas Chaluim Ghilis, à Leacan Lì, agus bha a mhàthar, Anna Mhoireasdan, Anna Raghnaill, à Cuidhinis. B' e Raghnall a b' òige de sheachdnar theaghlach, dithis dhuibh a chaochail nam pàistean. Bha athair agus a mhàthar a' ruith bùth bheag airson greis as an taigh aca ann an Leacan Lì.

Chaidh Raghnall do Bhun-sgoiltean Chaolas Stocanais agus Fhionnasbhaigh. Gu math tràth bha e follaiseach gun robh comas aige mar fhear-gnothaich oir aig aois glè òg bha e a' reic stuthan a-mach à catalog ri muinntir an àite. Le beagan den chosnadh a rinn e às an sin cheannaich e gramafon, 's dòcha an aon fhear a bh' anns an àite aig an àm. Cha leigeadh a mhàthair leis a chluich anns an dachaigh agus bhiodh Raghnall a' cur seachad mòran ùine ag èisteachd ri clàir anns a' bhàthaich.

Bho bha e na bhalach òg bha ùidh aige ann an òrain agus an eachdraidh agus bha cliù aige anns na Hearadh mar dheagh sheinneadair.

Dh'fhàg e na Hearadh airson obair fhaighinn ann an taighean-òsta. Aon uair thog e air à Inbhir Nis airson a dhol a choiseachd a dh'Ulapul airson obair fhaighinn anns an Taigh-òsta Rìoghail. Air an rathad stad càraid beartach le carbad agus nuair a chuala iad gu robh e a' dol dhan aon taigh-òsta riutha fhèin thug iad dhà còmhdhail. Bha iadsan den bheachd gur e fear de na h-aoighean a bh' ann agus chuir e iongnadh mòr orra nuair a ràinig iad gun deach a thoirt air falbh gu àite-fuirich an luchd-obrach air cùl an taigh-òsta.

Anns a' chogadh bha e ann an Rèiseamaid na Green Howards. An dèidh a' chogaidh chaidh e a Ghlaschu agus bha e a' ruith taigh-seinnse, Hole in the Wall, anns na Gorbals airson greis.

Thòisich Raghnall an uair sin a' ceannachd thaighean, gan roinn nan àiteachan-fuirich nas lugha, gan càradh 's gan cuir air dòigh, agus gan reic aig prothaid. Bha taighean aige a-mach air mhàl agus glè thric 's e Gàidheil òga na loidsearan a bh' aige.

Aig an aon àm bhiodh e a' siubhal margaidhean-roup Ghlaschu oir bha ùidh aige ann a bhith a' ceannachd agus a' reic àirneis taighe agus uidheaman dealain, a' dèanamh na b' urrainn dha de chàradh is sgeadachadh orra e fhèin, agus a' fàgail an còrr aig luchd-ceàird. Bha e ris an obair seo suas gu faisg air deireadh a làithean.

Bha e cho trang ag obair 's nach do rinn e mòran seinn, air àrd-ùrlar co-dhiù, gus an robh e còrr air trì fichead. Thòisich e an uair sin a' dol a-steach airson co-fharpaisean seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nàiseanta agus choisinn e am Bonn Òir aig Mòd Àrd Ruighe, ann an 1993, aig aois 75.

Chaochail Raghnall, gu h-aithghearr, air 18 Ògmhios, 2005, aig aois 86, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Losgaintir, 's na Hearadh.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.