Pòl MacCalum

Pòl MacCalum

Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thàinig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a deas Loch Baghasdail, ann am baile a bha cho beartach ri gin an Uibhist a thaobh òrain is dualchas. B' e sin Taobh a Tuath Ghleann Dail.

Chaidh Pòl a thogail còmhla ri Flòraidh agus Dòmhnall Iagain Dhòmhnaill Mhòir agus am màthair, Peigi. Na ghiullan òg, bhiodh Pòl a' falbh còmhla ri Flòraidh gu taigh Chloinn Anndra far an robh ise na cuidiche taighe. Sin mar a fhuair e eòlas air na seinneadairean, Màiri agus Peigi NicRath is tha cuimhne mhath aige air Peigi a bhith toirt suiteis dha à pòca a h-aparan. 'S ann as an dachaigh sin a chuir e a' chiad eòlas air bàrdachd, òrain is dualchas Uibhist.

B' e George Alexander, an tidsear-ciùil mu dheireadh a bh' aige ann an Sgoil Dhalabroig, a thug ceòl clasaigeach gu aire. Gu h-inntinneach bha na daoine bhon d' thàinig e an sàs ann an ceòl clasaigeach agus tha ùidh mhòr aig Pòl anns an nòs ciùil seo.

Thòisich e a' seinn aig Mòdan ionadail is e glè òg. 'S ann aig Mòd Loch Abar ann an 1985 a choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs agus dà bhliadhna às dèidh sin, aig Mòd Shruighlea, ghlèidh e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich.

Tha Pòl e air a bhith seinn an iomadh àite, air feadh Bhreatainn, an Èirinn, an Amaireaga, agus an Canada. Na obair làitheil tha e trang a' còcaireachd agus a' teagasg pàirt-ùine.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.