Peigi NicChoinnich

Rugadh Peigi NicChoinnich, Peigi Chaluim Iain, aig bonn Cnoc Chùsbaig, ann a' Siadar a' Rubha, ann an Leòdhas, air 26 Ògmhios, 1907. B' i Iseabail NicDhòmhnaill, Iseabail Aonghais Phortair, a màthair. Bha ceathrar anns an teaghlach. Bha a piuthar Anna, na bu shine, agus bha dithis bhalach ann, Calum agus Uilleam. Chaill Peigi a h-athair agus i fhathast na pàiste òg sgoile.

Chaidh i do Sgoil Shiadair agus an dèidh sin do sgoil MhicNeacail. Anns an latha sin bha aig clann-sgoile an Rubha ri fuireach ann an loidseadh ann a' Steòrnabhagh, oir cha robh busaichean ann a bheireadh a' chlann air ais agus air adhart.

An dèidh a' sgoil fhàgail chaidh Peigi airson bliadhna do Cholaiste Skerry's, air Sràid Bath ann am meadhan Ghlaschu, airson taidhpeadh agus obair oifis ionnsachadh. An dèidh dhi a trèanadh a chrìochnachadh anns a' Cholaiste thug Iain, bràthair a màthar, i a-mach a Chanada gu Fort William, neo Thunder Bay mar a chanar ris an-diugh. Bha i mu sheachd bliadhna deug a dh'aois aig an àm seo agus an dèidh a bhith ann a' Fort Willian airson greis chaidh i gu Vancouver, far an robh piuthar a màthar.

Bha Peigi riamh dèidheil air seinn agus bhiodh a màthair ag ràdh rithe gu robh i a' seinn mus do thòisich i air còmradh. Cha b' e òrain Ghàidhlig a-mhàin a bhiodh i a' seinn ach òrain Bheurla, le leithid Irving Berlin. Bha i air bliadhna trèinidh a dhèanamh air a guth còmhla ri Seòras Boidhd, à Glaschu. Fhad 's a bha i ann an Canada bhiodh i a' seinn còmhla ri còmhlan de bhalaich Leòdhasach, le mac bràthair a h-athar nam measg.

Bha Peigi dona leis a' chianalas agus nuair a thàinig an naidheachd gu robh a piuthar Anna a pòsadh ghabh Peigi an cothrom tilleadh a Leòdhas agus cha do thill i a Chanada tuilleadh.

Fhad 's a bha i ann an Canada fhuair i na h-òrain aig Uilleam MacCoinnich (Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich), bràthair a seanar, bho piuthar a h-athar agus thug i iad air ais leatha a Leòdhas. Bha na h-òrain air an sgrìobhadh sios cheana ann an leabhar dearg le h-athair agus leis an t-Urramach Iain MacÌomhair, Iain Thorcuill, a bha air a bhith na mhinisteir ann an Carlabhagh. Am measg nan òran seo bha leithid Bidh Mo Dhùthaich ri Tighinn air m' Aire, 'Màiri Nighean Alasdair' agus 'An Till mi Tuilleadh a Leòdhas'.

An dèidh do Pheigi tilleadh chaidh na h-òrain sin agus cuid den fheadhainn aice fhèin a chlò-bhualadh anns an leabhar Cnoc Chùsbaig, a dheasaich Peigi, ann an 1936.

A bharrachd air Caoidh nam Fear Treun rinn Peigi òrain eile air am bheil deagh aithne leithid 'Nam Biodh Agam Tàlantan', a' chiad fhear a rinn i, agus 'Mo Shùil air Loch an t-Sithein'.

Bha Peigi a' coimhead às dèidh a màthair an dèidh tilleadh à Canada agus goirid mus do thòisich an cogadh phòs i Iain Calum MacCoinnich, Iain Chaluim Tolmie, à Port Mholair, agus chaidh i a dh'fhuireach dhan bhaile sin, far do chuir i seachad an còrr de beatha. Bha aon nighean aca ach chaochail i na leanaibh naoi mìosan.

Chaochail Peigi air 13 Faoilleach, 1993.

Tha sinn an comain Etta Bell Nic a' Maoilein, nighean peathar Pheigi, airson an fhiosrachaidh seo.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.