Norma NicLeòid

Norma NicLeòid

Rugadh agus thogadh Norma NicLeòid ann an Loch Croistean, an sgìre Ùige Leòdhais, agus an-diugh tha i fhèin agus a cèile a' fuireach ann an Siabost air taobh siar Leòdhais. Tha dithis nighean aca.

Tha Norma air a bhith a' seinn aig cuirmean ionadail bho bha i òg, agus cluinnear i fhathast corra uair. Tha i cuideachd air a bhith tric na britheamh air an t-Seann Nòs aig na Mòdan, dreuchd a tha i air a leigeil dhith bho chionn ghoirid.

Na beatha làitheil tha i air a bhith os cionn Acair, companaidh foillseachadh Gàidhlig ann an Steòrnabhagh, airson iomadh bliadhna, dreuchd a tha i a' leigeil dhith as t-fhoghar 2010.

Tha i dèidheil air ceòl de gach seòrsa, agus bidh i a' cluiche a' mheileòidian cuideachd.

Tha Norma air dà nobhail a sgrìobhadh ann an sreath de thrì. 'S iad sin Dìleas Donn (Ùr Sgeul/Clàr, 2006) agus Taingeil Toilichte (Ùr Sgeul/Clàr, 2008). Tha dùil ris an treas fear, Suthainn Sìor, a dh'aithghearr.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.