Niall Peutan (Niall Gow)

Rugadh Niall Peutan ann a' Bhaltos, Taobh Sear an Eilein Sgitheanaich air 7 Sultain, 1888. Bho bha e glè òg, b' e Niall Gow a chante ris agus dh'innis Alasdair MacLeòid air BBC Radio nan Gàidheal air 15/05/1999 mar a fhuair e am far-ainm:

"Bha e na dhuine cho ceòlmhor agus cho fileanta air ceòl. Tha mi smaoineachadh gu robh e math air fìdhleireachd cuideachd. Ach co-dhiù sin mar a choisinn e an t-ainm, ainm an fhìdhleir ainmeil, Niall Gow. Agus cha d' fhuair e riamh, agus cha chuala mise riamh ach glè ainneamh air a chleachdadh ris ach Niall Gow.

Cha chanadh tu Niall Peutan ris uair sam bith ach chanadh tu gu robh thu an dèidh a bhith bruidhinn ri Niall Gow."

Bha Niall na dhuine làmhchaireach, a dhèanadh clachaireachd agus saorsainneachd agus iomadh seòrsa obair càraidh. Thug e greis ag obair aig a' Chounty a' càradh taighean-sgoile agus ri caran sam bith eile a bha ri dhèanamh. Bha Dòmhnall Dòmhnallach cuideachd a' cuimhneachadh air:

"Bhiodh e a' dèanamh obair do dhaoine eile na thìde fhèin. Bhiodh e a' falbh leis a' bhaidhsagal 's a' càradh seadaichean is bàthchannan 's a' feansadh 's a' clachaireachd. Cha robh càil a dh'fheuchadh Niall nach dèanadh e.

'S e duine beag uabhasach dìcheallach a bh' ann, math air obair, 's tha e coltach gun cuireadh e obair a bha garbh às a dhèidh ann a' latha."

B' e bàrd a bha na athair, Aonghas Peutan, agus thòisich Niall fhèin air òrain a dhèanamh agus e glè òg. Cha robh e ach 17 nuair a rinn e òran a' dì-moladh Ghlaschu:

Chì thu clann gun phàrantan ann
Air an t-sràid ri fuachd,
Gun chòmhdach air na cnàmhan ac'
Na chumas blàth iad uair;
Ged reothadh iad gu bàs a' sin
Chan fhaigh iad bàigh no truas
Gun bhiadh, gun deoch, gun fàrdaich ac'
Na àit' s an loisg iad gual.

Bu toigh le Niall a bhith a' seinn, na h-òrain aige fhèin agus a h-uile seòrsa òran. Bha buaidh aig na seann òrain air:

Tha do ghruaidhean deàrrsanta
'S an dreach mar bhlàth nan ròsan;
Do bhilean mar a' sgàrlaid
'S mòr gur fheàrr na mhil do phògan.

Tha do chìochan gucagach
Air d'uchd is gile còmhdach;
Do shlios mar shneachda geamhraidh
Air a chur gu teann de lòineag.

Bhiodh Niall tric a' cleachdadh seann fhuinn airson na h-òrain aige fhèin.

Bha e aig muir air soithichean a bha a' sguabadh mhèinnean as an rathad aig àm a' chogaidh ach thill e sàbhailte a Phort Rìgh às a dhèidh.

Thug e co-dhiù aon seusan aig iasgach nam breac, a' fuireach ann am bothag lom, mhì-chofhurtail air Cladach Bheararaig, àite iomallach mu letheach-slighe eadar Port Rìgh agus Stafain.

Toll dubh dorch' air cùl an t-saoghail
Fad' bho àite-còmhnaidh dhaoine;
Chan eil ann ach caoraich mhaola
'S mòr an t-iongnadh g' eil iad fhèin ann.

Nuair a laigheas mi fon aodach
An dùil ri cadal mar a dh'fhaodainn,
Bidh deargannan fada, caola,
Ga mo chaobadh às a chèile.

Dh'ith iad m' fhuil is m' fheòil 's mo chnàmhan
'S dh'fhàg iad mi cho caol ri ràsair;
'S mi gun dùraigeadh am bàs dhaibh
Ach chan fhaigh mi làmh air tè dhiubh.

Agus radain mhòra, liatha,
'S cuid ac' air call na feusaig;
'S ann a thig iad staigh cho fiataidh
Mar nach d' rinn iad riamh an eucoir.

'S ann a' seo tha'n t-àite cianail
Anns nach faicear grian san iarmailt;
Is cunnartach gun tèid mi fiadh ann
Mur a cùm rium Dia mo reusan.

Ged nach b' e òrain èibhinn a-mhàin a rinn Niall Gow chan eil teagamh nach robh liut shònraichte aige air an t-seòrsa òran sin. Agus mar a tha Throid a' Bhean a' dearbhadh, cha robh leisg air magadh air fhèin.

Cha do rinn e riamh cleith air cho dèidheil agus a bha e air an drama agus air a' chuideachd a bha ri lorg an taighean-seinnse Phort Rìgh. Bha Dòmhnall Dòmhnallach eòlach air:

"Nuair a bha e a' dèanamh òran, bha e ainmeil. Bha e aig a h-uile duine. Bhiodh iad a' gabhail nan òran aig Niall 's nan dèanadh e òran ùr, rud a bha e gu math tric a' dèanamh, bha e a' dol, 's ma bha interest sam bith agad ann, cha b' urrainn dhut gun ionnsachadh.

Bha a h-uile duine caran eòlach air 's gu h-àraidh ma bha thu a' gabhail dramaichean, bhiodh Niall 's dòcha as a' bhàr, is dheigheadh tu far an robh e a ghabahil drama còmhla ris feuch a faigheadh tu fear dhe na h-òrain aige a ghabhail, 's a' ghabhail òrain cuide ris.

Ach duine uabhasach toilichte a bh' ann, is bha e math air mixeadh am measg dhaoine, 's bha e eirmseach."

Tha an eirmseachd sin ri chluinntinn anns an t-òran 'Hò Ro Illean, Na Biomaid Tùrsach':

'S tric bhios mi g aithris gun sguir mi gun dàil
Nach òl mi deur tuilleadh, nach fhuiling mi 'm fàileadh:
Dh'aindeoin mo bhilean, chan urrainn mi fàgail -
Bidh i gam thàladh mar gum b' i ceòl.

Nuair thèid mi dhachaidh bidh bhean ann an gruaim rium
Gheibh mi mo theist'nas gu dleasanda bhuaipe;
"Ciamar, a bhurraidh, a chumas tu suas mi
Cosg do chuid duais an taighean an òil?"

Feumaidh mi aithris, ged tha i na buaireadh
Dh'aindeoin a mealladh tha iomadan buaidh innt';
Togaidh i aighear air fear a bhios gruamach
'S bheir i air cuasach rìbhinn còir.

Fàgaidh i cridheil thu, 's bidh tu dàna,
Bheir i dhut misneachd s cha chlisg thu le nàire;
Fògraidh i d' eagal 's cha teich thu ro d' nàmhaid -
Bidh tu cho làidir nuair bhios tu 'g òl.

Thug Niall Gow iomadh bliadhna a' fuireach air York Drive ann am Port Rìgh. Bha e pòsta airson an dàrna uair aig Teenie NicAonghais à Camas Tianabhaig, Teenie a' Mhuilich, agus bha triùir nigheanan aca.

Chaochail Niall Peutan ann an Glaschu timcheall air 1973.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.