Murchadh Moireasdan

Rugadh Murchadh Moireasdan ann an Cùl na h-Àirde as na Hearadh ann an 1913, an treas leanabh ann an teaghlach anns an robh aon duine deug. B' e Murchadh Dhòmhnaill Aonghais Dhòmhnaill à Àird Àsaig athair agus bha a mhàthar, Catrìona Mhurchaidh Chlachair, on Tairbeart.

Nuair a dh'fhàg Murchadh an sgoil chaidh e a dh'obair dhan mhuileann chlòimh a bha air an Tairbeairt agus thug e cuideachd greis ag obair còmhla ri bràthair a mhàthar, Dòmhnall Ailig, a' togail thaighean agus a' clachaireachd.

Rè ùine dh'fhas an obair gann agus chaidh Murchadh a Ghlaschu far an d' fhuair e obair ann a' French's Warehouse, àite a bha reic aodaich.

Nuair a thòisich an cogadh chaidh e dhan Nèibhidh, na ghunnair a' feuchainn ri cur às do mhèinnean air taobh an ear Shasainn. Bha e greisean cuideachd ann am Malta, Afraga a Tuath, Aimeireaga agus san Fhraing. Thàinig e às a' chogadh le D.S.M..

'S ann aig àm a' chogaidh a rinn e an t-òran Bràigh Àird Àsaig, mar a mhìnich Mòrag NicLeòid as an ro-ràdh a sgrìobh i anns an leabhar de dh'òrain Mhurchaidh a dheasaich i ann an 1992:

"Bha e air a' bhàta tighinn a-nuas taobh sear Shasainn, a-nuas ris a' chladach, 's e na sheasamh anns an taigh-chuibhle, an uinneag fosgailte is cuideigin eile aig an stiùir. Chuir e a ghàirdean air an uinneig, agus thàinig an t-òran dìreach às an iarmailt.'"

Mhìnich Morag cuideachd a' bhuaidh a bha aig òige an Cùl na h-Àirde air a bheatha agus na bàird a thug buaidh air a' bhàrdachd:

"A' sealg 's ag iasgach, ag iomain chaorach is chruidh 's ag àiteach an fhearainn tron latha, air an oidhche bhiodh e ag èisteachd ri naidheachdan 's ri sgeulachdan 's ri bàrdachd, a' dol gu luaidh is gu bainnsean.

Bha meas aige air a' Chiaran Mhabach, 's air Donnchadh Bàn, 's air Mac Mhaighstir Alasdair 's an leithidean, agus bu toigh leis Am Bàrd Pabach (Niall Moireasdan), Bàrd Chliubhair (Alasdair MacFhearghais), Dòmhnall Ailean Ruaraidh Òig (MacFhionghain) agus Alasdair Aonghais Alasdair (Moireasdan)."

Phòs Murchadh Edna Beattie à Glaschu ro dheireadh a' chogaidh agus còmhla ri bràthair Edna bha e a' ruith bùth sa bhaile fad iomadh bliadhna.

Bha e gu mòr an sàs ann am beatha nan Gàidheal an Glaschu, mar a dh'innis Mòrag NicLeòid:

"'S e chiad eòlas a chuir mi fhèin air Murchadh a bhith ga fhaicinn air àrd ùrlar mar fhear-taighe aig Cairistìona Dhòmhnallach ann an Oidhche Challainn aig Comann Leòdhais is na Hearadh. Bhiodh Murchadh na bhodach amh, a' tilgeil smugaidean, a' nigh' a chasan ann am mìs anns an rùm anns am biodh i fhèin a' toirt aoigheachd do chèileadairean na Callainn.

Thigeadh seinneadair 's fear-ciùil ma seach a-steach, 's bhiodh rudan èibhinn a' tachairt, rudan a bha dùil agad a thachradh ach 's iomadh gàire a thug iad oirnn, gàire sa Ghàidhlig fiù 's ged a bhiodh tòrr Beurla na measg.

'S e Ailig MacÌomhair agus a bhràthair Dòmhnall a bha cumail rian air cùisean an uair sin agus bha Murchadh Moireasdan na phàirt dhan spòrs airson mu fhichead bliadhna eadar 1960 agus 1980 no mun tuaiream sin. Bha e na Cheann-suidhe air Comann Leòdhais is na Hearadh o 1961-1964."

Rinn Murchadh Moireasdan iomadh seòrsa òran air iomadh seòrsa cuspair, gaol, gràdh-dùthcha, cianalas, seòladh, fealla-dhà, deoch-làidir, dàin spioradail. Ach dhuibh uile tha na Gàidheil gu h-àraidh measail air dà òran a rinn e, 'Cùl na h-Àirde' agus A Nighneag a Ghràidh.

Chaochail Murchadh Moireasdan air 27 Màrt, 1994.

Tuilleadh Fiosrachadh

Tha iomradh air beatha a' bhàird agus dà dhusan òran leis anns an leabhar Bàrdachd Mhurchaidh Mhoireasdain (na Hearadh), deasaichte le Mòrag NicLeòid. Chaidh fhoillseachadh le Acair ann an 1992.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.