Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)

Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist)

Rugadh Murchadh MacPhàrlain air an latha a chaidh a' Bhanrigh Bhictoria a thiodhlacadh, 15 Gearran, 1901, ann am Mealabost, Leòdhas, am baile as na chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha. B' e mac Chaluim Dhòmhnaill Chaluim Dhòmhnaill a shloinneadh agus b' ann à Sgìre nan Loch a thàinig a' chuideachd.

Sgrìobh Alasdair Iain MacAsgaill mun fhoghlam a fhuair e anns an ro-ràdh dhen chiad leabhar de dhàin Mhurchaidh, An Toinneamh Dìomhair:

"Cha b' ann an Sgoil Chnoc na h-Aoighe far an deach a thogail a fhuair am bàrd fhileantachd sa Ghàidhlig, oir na latha-san cha robh àite ro-uasal aice ann an teagaisg sgoiltean nan eilean. Bha a' Bheurla, tomhais de Laideann, agus beagan de Fhraingis air an tairgsinn dha, agus rinn e an smàlaigeadh a b' fheàrr a b' urrainn dha orra.

Cha robh e a' tighinn ris idir nach robh an tuilleadh eòlais aige air a' chainnt mhàtharail a b' fheàrr a thigeadh air, oir bha miann aige a bhith na bu choileanta innte. Chuir e roimhe gum biodh e comasach air a leughadh agus a sgrìobhadh mar a b' fheàrr a b' urrainn e, agus tha e an-diugh gu math toilichte gur h-urrainn dha sin a dhèanamh ann an tomhais."

Cha robh Murchadh ach ochd-deug nuair a chaidh an Iolaire air Biastan Thuilm air oidhche na Bliadhn' Ùire, 1919, agus dh'fhàg na chunnaic e làrach mhaireannach air:

Cò aig a bheil reusan
Is lèirsinn ann na shùil
Nach cuireadh seo fo dheuraibh
'S nach biodh a chridhe ciurrt'?
Na fir an truis an Nèibhi
Nan slèitrich feadh na tiùrr;
O, nach bu chruaidh ar n-èirigh
Air madainn na Bliadhn' Ùir'.

Bha Murchadh greis ag obair air cuid de na sgeamaichean a chuir am Morair Leverhulme air chois ann a' Leòdhas ach nach do shoirbhich. Mar iomadh eileanach eile, ann an 1924, dh'fhalbh e a Chanada air a' Mharloch. Thug e ùine ag obair aig an Canadian Pacific Railway agus thug e grunn bhliadhnaichean ann am Manitoba, far an do sgrìobh e an t-òran 'S Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh, mar a dh'innis e air BBC Radio nan Gàidheal:

"An toiseach nuair a bha mi nam bhalach òg thàinig fear dhachaigh à Canada air an robh Roddy Aonghais Ruaraidh. Cha bheò e an-diugh. Agus chaidh mi a-steach a thaigh piuthar seanar dhomh aon latha agus bha e na shìneadh air a' bheing agus srian an eich fo cheann agus b' e am fonn a bh' aige:

Fàili, fàili, fàili hò ro,
Càite, càite, càite an tèid mi,
Nuair a thuiteas sìos na sgàilean
Far am b' àbhaist dhòmhs' bhith cèilidh.

B' e siud a bha e a' seinn 's cha robh duine a-staigh ach an dithis againn. Dh'fhalbh mise a Chanada cuideachd agus a' chiad fhoghar a bha mi a-muigh, bha sinn aig a' bhuain, aig an t-fhoghar agus air oidhche bhrèagha ghealaich, thàinig an cianalas orm mar tonn bhàtht' agus chuimhnich mi air an fhear a bha na shìneadh air a' bheing anns an t-seann taigh-tughaidh agus e a' seinn leis fhèin "càite, càite, càite an tèid mi, nuair a thuiteas sìos na sgàilean far am b' àbhaist dhòmhs' bhith cèilidh".

Agus b' e seo a ghluais mise an oidhche sin gu bhith a' dèanamh Fàili, fàili, fàili hò ro agus chuingealaich mise an duan a tha seo ris an taigh chèilidh."

B' e bliadhnaichean doirbh a bh' ann agus thill Murchadh air ais a Leòdhas ann an 1932, "cha mhòr cho bochd 's a dh'fhalbh mi, ach beagan na bu ghlice."

Rinn e a sheirbheis nàiseanta aig àm an Dàrna Cogaidh, ach a bharrachd air sin chuir e a' chòrr de bheatha seachad ann am Mealabost ag obair mar chroitear. Cha do phòs e a-riamh.

Fhuair mòran dhaoine eòlas air òrain Mhurchaidh gu h-àraidh nuair a thoisich Na h-Òganaich air an seinn. 'S e fear de dh'òrain Mhurchaidh Mi le M' Uilinn a ghabh iad nuair a choisinn iad aig an Fhèis Phan-Cheilteach ann an Èirinn ann an 1972. Agus rud a bha neo-àbhaisteach, bha Murchadh a' cruthachadh fuinn ùra airson nan òran aige fhèin.

Rinn e òrain air iomadh cuspair, nam measg cleachdaidhean a bha dol à bith ann an òrain leithid 'Tobar Tobar Sìolaidh', Òran Cladaich agus 'Duanag Bleoghainn'.

Thug e tarraing air ceistean sòisealta mar buaidh na dibhe agus air dòigh-beatha na latha fhèin ann an òrain leithid 'Am Botal 's am Misgeir' agus 'Linn Greas Ort'. Rinn e òrain gaoil leithid Mhòrag Leat Shiùbhlainn agus duain mu thachartasan anns an àite agus daoine a b' aithne dha.

Bha a' Ghàidhlig fhèin anabarrach cudromach dha mar a dh'innis e anns an t-òran Cànan nan Gàidheal:

O chànain tha leth ri mo chridhe
M' aran, m' annlan, m' anail 's mo smior.

Bha e gu tur an aghaidh cogadh agus cha robh dad a leisg air sin a leigeil ris:

'S e do ghnè, a' chogaidh, bhith sgrios
'S b' e seo do ghnè bho thùs
Is mallaichte an sluagh a bhios
Ri tabhairt dhut tlachd is gnùis.

Dòrainn, creachadh is bròn
An còmhnaidh tà ann ad lorg,
'S chan fhiach leat deoch gu h-òl
Ach fuil nan òigfhearaibh calm.

Chuir e fhaireachdainnean domhainn mu chogadh an cèill ann an òrain leithid 'Leag iad am Bom a Raoir' agus Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug.

Ach tha dhibhearsain cuideachd ri lorg ann an dàin leithid 'Bruadar Cogaidh na Caillich' agus 'Aithris (Chicago 1924)'.

Bha seo aige fhèin ri ràdh mu spiorad na bàrdachd agus a chuimhne:

"Nuair a bhios mi an urra ris a' pheann is a' phàipear, cha bhi e idir air a ghearradh air clàr mo chuimhne mar a bhios e nuair nach bi pàipear no peann idir agam. Tha mi an uair sin an urra ri mo chuimhne gu tur agus 's e seo a' nì a tha mi air faighinn a-mach, nuair a shuidheas mi sìos le peann is pàipear tha mi mar gum biodh a' leigeil mo chuideam air a' pheann is air a' phàipear.

Ach nuair a bhios mi leam fhèin, is dòcha a' cur na mòine chun a' rathaid no a' gearradh a' choirce, agus nuair a bhios spiorad na bàrdachd a' tighinn orm agus a bhios mi an uair sin an urra gu h-iomlan ri mo chuimhne, tha mi a-nise an dèidh tuigsinn nuair a bhios mi an urra ri mo chuimhne, tha a' chuimhne mar gum biodh i a' gearradh a h-uile càil air a clàr fhèin dhomh. Agus eadhon ged a chaillinn e aig an àm a tha làthair, thig e aig ceann sreath a-rithist.

Nise, 's e seo mar a tha mise a' faotainn spiorad na bàrdachd a thaobh cuimhne is 's ann dha mo bhioradh a bhios an spiorad a tha an seo. Bidh i ag ràdh "Siuthad, siuthad!""

Nuair a chaochail Murchadh MacPhàrlain air 7 Samhain, 1982, sgrìobh am bàrd Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Uibhist a Deas marbhrann dha:

Thosd ribheid na smeòraich
Chaidh a ceòl a mhùchadh
Chaidh ar cànan an còmhdach
Èideadh-bròin na tùrsa
'S sàr fhear-dealbhaidh a fuinn-se,
'N Cladh na h-Aoigh chuireadh ùir air.

Chuireadh ùir ort, a Mhurchaidh,
Ach bidh lorgan do thàlann
Domhain, domhain ri faicinn
Ann an eachdaraidh ar cànain,
'S domhainn, domhnainn, da-rìribh
Air ar n'inntinn-ne gràbhailt'.

An Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha bàrdachd agus òrain Mhurchaidh MhicPhàrlain rin lorg ann an dà leabhar An Toinneamh Dìomhair (Gazette Steòrnabhaigh, 1973) agus Dàin Mhurchaidh (An Comunn Gàidhealach, 1986).

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.