Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir)

Rugadh am bàrd agus an soisgeulaiche Murchadh MacLeòid, Murchadh a' Cheisteir, ann a' Liùrbost, Leòdhas, san Dàmhair 1837. Chante Ceistear Mòr nan Loch ri athair, a bha na èildear san Eaglais Shaor o 1843 gus na chaochail e ann an 1898.

Thug Murchadh grunn bhliadhnaichean ag iasgach aig an taigh agus aig iasgach a' sgadain san Àird an Ear mus do dh'fhàg e Leòdhas ann an 1861. Chaidh e a Ghlaschu far an d' fhuair e an toiseach trèanadh, agus an uair sin cosnadh fad deich bliadhna, aig companaidh thogail bhàtaichean.

Ri linn stailc sa ghnìomhachas, dh'fhàg e Barclay, Curle and Co. agus fhuair e obair aig Urras Chluaidh far an robh e airson còig bliadhna.

Ann an 1875 phòs e Anna Stiùbhart à Col, Leòdhas agus bha teaghlach mòr aca.

Bha ùidh aig Murchadh ann an obair na stuamachd chun na h-ìre is gun do ghabh e obair aig an Highland Temperance League ann an 1882.

Dh'fhàg e Glaschu agus rinn e a dhachaigh ann an Tobar Mhoire am Muile. Bha e a' fuireach aig 2 Staffa Cottages gus an do thill e a Ghlaschu, na shoisgeulaiche neo-eisimeileach, ann an 1896.

Mar shoisgeulaiche, thug e naoi bliadhna deug a' siubhal na dùthcha, eadar Cataibh is Earra-Ghàidheal air tìr mòr, agus anns na h-eileanan eadar Leòdhas is Muile. Bhiodh e ri searmonachadh, agus a' tadhail air sgoiltean agus air euslaintich nan dachaighean. Bhiodh e air falbh bho dhachaigh fad sheachdainean co-dhiù trì tursan sa bhliadhna, tric a' coiseachd astar fhada bho bhaile gu baile a dh'aindeoin fuachd is gailleann.

Ged a tha Murchadh a' Cheisteir ainmeil airson na laoidhean a sgrìobh e, nam measg 'Bàs is Fàs a' Ghràinne Chruithneachd', 'Àirc a' Choimhcheangail', 'An t-Uisge Beò' agus 'Fuil an Uain', tha e cuideachd ainmeil airson aon òran gu h-àraidh, a tha a' tòiseachadh:

A chiall nach mise bha 'n Eilean an Fhraoich
Nam fiadh, nam bradan, nam feadag, 's nan naosg
Nach lochan, nan òban, nan òsan, 's nan caol
Eilean innis nam bò, 's àite còmhnaidh nan laoch.

Bha e glè mhòr air taobh nan croitearan a thaobh an strì airson fearann agus tha sin ri fhaicinn ann an dàin leithid 'Fàsachadh na Dùthcha' agus 'Òran Muinntir Bheàrnaraigh'.

Chaochail Murchadh aig a dhachaigh aig 4 Sràid Vinicombe, Glaschu, air 30 Ògmhios, 1914, is e 76 bliadhna a dh'aois.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.