Murchadh Mac a' Phearsain

Rugadh Murchadh Mac a' Phearsain, Murchadh Thormoid, anns an Leth Allt, Stafainn, san Eilean Sgitheanach ann an 1907. A' mhòr-chuid dhen ùine bha e ri croitearachd ach rè mìosan an t-samhraidh bhiodh e ri iasgach nam breac aig an dà stèisean a bha cho cliùiteach airson iasgach, Beararaig agus Ruig. Thug e greis cuideachd a' mèinneadh diatomite.

B' e duine beag, treun, tapaidh a bh' ann. Bha triùir chloinne aige fhèin agus aig a bhean, Winnie. Chaochail Tormod òg, ach tha Dòmhnall Ailig ag obair ann am Port Rìgh agus tha Effie Ann pòsta air a' Bhac ann a' Leòdhas.

B' e seinneadair anabarrach math a bh' ann am Murchadh agus bha e ainmeil airson na bha aige de dh'òrain air a chuimhne.

Chaochail e dìreach seachdain no dhà mus robh e aois a' pheinsean.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.