Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais)

Murchadh Dòmhnallach (Murda Sheumais)

Rugadh Murchadh Dòmhnallach, Murda Sheumais Ruaidh (1905-1986), ann an Siadar a' Chladaich, air taobh siar Leòdhas. B' ann às a' sin a bha a mhàthair, Mairead Nic Ille Mhoire, ach a rèir beul-aithris b' ann à Ceann Chuisil ann an sgìre Ùige, dlùth do chrìochan na Hearadh, a bha na Dòmhnallaich, cuideachd athar.

Chaidh Murda dhan sgoil ann an Siadar agus coltach ri iomadh fear eile as an sgìre, an dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a dh'obair do thaigh-gnìomhachais aluminium ann an Ceann Loch Lìobhann.

Phòs e Seonag Nic a' Ghobhainn, à Borgh, ann an 1933 agus bha triùir chloinne aca, dithis bhalach agus nighean. Tha an t-Urr. Seumas Dòmhnallach a' fuireach ann am Pabail anns an Rubha an-diugh, agus tha Seonag a' fuireach ann am Bathgate. Bhàsaich an gille eile na leanabh.

An dèidh Ceann Loch Lìobhann fhàgail, chaidh Murda dhan Chabhlaich Mharsantachd agus sgrìobh e mòran de na h-òrain aige nuair a bha e aig muir. 'S ann air bòrd soithich, 's e air faire eadar meadhan-oidhche agus ceithir uairean sa mhadainn, a bhiodh na faclan tric a' tighinn thuige.

'S e òrain cianalais a tha ann an cuid dhuibh, ach aig àm a' chogaidh rinn e òrain dhan fheadhainn a chaidh dhan t-strì agus nach tilleadh dhachaigh.

Bha e anns a' Chabhlaich Rìoghail tron chogadh air bàtaichean leithid an Letitia agus an Circassia. An dèidh a' chogaidh chaidh e air ais gu muir airson greis, ach, ann an 1948, thill e dhachaigh a Leòdhas.

Cheannaich e tractar, Ferguson TEA, agus bha e ag obair leis an tractar sin gu deireadh a làithean. Bha e gu math air thoiseach air càch anns an dòigh seo, oir b' e eich a bha fhathast aig a' mhòr-chuid. Cho math ri bhith a' dèanamh obair fhèin, bhiodh Murda trang bho mhoch gu dubh ag obair do dhaoine eile leis an tractar, a' treabhadh agus a' tarraing mhònach eadar Àrnol agus Mealabost.

Bha comas-labhairt air leth aige. Bha e eirmseach, làn dibhearsain, ceòl is fealla-dhà, agus bheireadh e freagairt eirmseach ann an seasamh nam bonn. Nuair a bhiodh daoine airson telegram èibhinn a chuir gu càraidean a bha a' pòsadh, tric thigeadh iad gu Murda, 's cha b' fhada a bhiodh iad a' feitheamh ri facail.

Rinn Murda iomadach òran a chluinnear fhathast, nam measg Cailin an Fhuilt Bhàin, 'Òran an t-Seasganaich', An Leòdhasach an Tìr Cèin, 'Òran a' Chogaidh', agus 'An Dachaigh Fhàsail'.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.