Mòr Chaimbeul

Chaidh an t-òran Griogal Cridhe a dhèanamh le Mòr Chaimbeul 's i a' tàladh a mic an dèidh dha a h-athair fhèin a cèile a dhìcheannadh air an t-seachdamh latha den Ghiblein, 1570.

B' i Mòr nighean Dhonnchaidh Ruaidh Chaimbeul Ghlinn Lìobhann, agus bha i pòsta aig Griogair Ruadh MacGriogair, ceann-cinnidh nan Griogarach. B' e Donnchadh Ruadh bràthair athar Chailein Lèith, ceann-cinnidh Chaimbeulaich Ghlinn Urchaidh.

Bha strì a bha nimheil agus marbhtach eadar Clann Ghriogair agus na Caimbeulaich anns na 1560an gus an deach na Griogaraich am fògradh mu dheireadh.

Tha e coltach nach robh a h-athair idir airson gum pòsadh Mòr agus Griogair Ruadh. Mar a thuirt i anns an t-òran 'Rìgh gu mòr mo chuid mhulaid':

Gur diombach mi air m' athair
'S caol a sgath e o m' fheòil mi

Chum e uamsa fear taighe
Nach robh adhannt' no gòrach -

Sàr Ghriogarach gasta
Nach bu tais air an tòrachd.

Nuair a shocraich cùisean airson greis eadar 1565 agus 1567, phòs iad. Ach cha do mhair an t-sìth fada agus an dèidh mìosan 's iad fon choill, ghlacadh Griogair le buidheann Chaimbeulach, Cailean Liath nam measg, air 1 Lùnastal, 1569. Chaidh a chumail na phrìosanach ann an Caisteal Bhealaich, daingneachd Chailein, fad ochd mìosan mus deach a dhìcheannadh le Cailean Liath e-fhèin air 7 Giblean, 1570.

Bha dithis mhac aig Mòr agus aig Griogair Ruadh. B' iadsan Iain Dubh a chaochail òg aig Blàr Ghlinn Freòin sa Ghearran, 1603, agus Alasdair Ruadh a chaidh a chrochadh an Dùn Èideann san Fhaoilleach, 1604, mar thoradh air cùl-mhùtaireachd Caimbeulach eile, Gilleasbaig, an seachdamh Iarla Earra-Ghàidheal.

Tha Màrtainn MacGriogair a tha air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air eachdraidh Chloinn Ghriogair agus air eachdraidh an òrain dhen bheachd gur e Robert Menzies of Comrie "bàran crìon na dalach" a phòs Mòr uaireigin an dèidh 1570.

Chaidh an t-òran fhoillseachadh ann an 1813 le Pàdraig Mac an Tuairneir à Ceann Tìre anns a' "Cho-chruinneacha do dh'òrain taghta Ghàidhealach nach robh riamh clò-bhuailte gus a nis, air an tional o mheodhair air feadh Gàidhealtachd a's eileine na h-Alba".

Seo mar a tha an t-òran aig Mac an Tuairneir a' toirt dealbh nas slàine air mar a thachair agus mar a bha Mòr a' faireachdainn:

Moch madainn air Latha Lùnast'
Bha mi sùgradh mar rim ghràdh'
Ach mun tàinig meadhan latha
Bha mo chridhe air a chràdh.

Ochain, ochain, ochain, uiridh,
'S goirt mo chridhe, a laoigh,
Ochain, ochain, ochain, uiridh,
Cha chluinn t' athair ar caoidh.

Mallachd aig maithibh 's aig càirdean
Rinn mo chradh air andòigh,
Thàinig gun fhios air mo ghràdh-sa
'S a thug fo smachd e le foill.

Nam biodh dà fhear dheug d' a chinneadh
Is mo Ghriogair air an ceann,
Cha bhiodh mo shùil a' sileadh dheur
Na mo leanabh fhèin gun dàimh.

Chuir iad a cheann air ploc daraich
'S dhòirt iad fhuil mu làr;
Nam biodh agams' an sin cupan,
Dh'òlainn dhith mo shàth.

'S truagh nach robh m' athair an galar
Agus Cailean am plàigh,
Ged bhiodh nighean an Ruadhanaich
Suathadh bas is làmh.

Chuirinn Cailean liath fo ghlasaibh
'S Donnchadh Dubh an làimh;
'S gach Caimbeulach a tha am Bealach
Gu giùlan nan glas-làimh.

Ràinig mise rèidhlean Bhealaich
'S cha d' fhuair mi ann tàmh;
Cha d' fhàg mi ròin de m' fhalt gun tarraing
No craiceann air mo làimh.

'S truagh nach robh mi 'n riochd na h-uiseig
Spionnadh Ghriogair ann mo làimh;
'S i a' chlach a b' àirde anns a' chaisteal
A' chlach a b' fhaisge don bhlàr.

'S truagh nach robh Fionnlairg na lasair
'S Bealach mòr na smal,
'S Griogair bàn nam basa geala
Bhith eadar mo dha làimh.

'S ged tha mi gun ùbhlan agam
'S ùbhlan uil' aig càch,
'S ann tha m' ubhal cùbhraidh, grinn
'S cùl a chinn ri làr.

Ged tha mnathan chàich aig baile
Nan laighe 's nan cadal sèimh,
'S ann bhios mis' aig bruaich mo leapa
A' bualadh mo dhà làimh.

'S mòr a b' annsa bhith aig Griogair
Air feadh coille 's fraoich,
Na bhith aig baran crìon na dalach,
An taigh cloiche 's aoil.

'S mòr a b' annsa bhith aig Griogair
Cur a chruidh don ghleann,
Na bhith aig baran crìon na dalach,
Ag òl air fìon 's air leann.

'S mòr a b' annsa bhith aig Griogair
Fo bhrata ruibeach ròin
Na bhith aig baran crìon na dalach,
A' giùlan sìoda 's sròil.

Ged a bhiodh ann cur is cathadh
'S latha nan seachd sìon
Gheibheadh Griogair dhomhsa creagan
San caidlimid fo dhìon.

Ba hù, ba hù, asrain bhig
Chan eil thu fhathast ach tlàth
'S eagal leam nach tig an latha
Gun dìol thu t' athair gu bràth.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.