Mìcheal Bochanan (Mìcheal Nèill Bhàin)

Rugadh Mìcheal Bochanan, Mìcheal Nèill Bhàin 'ic Alasdair, ann am Borgh, Barraigh, agus chaidh a bhaisteadh ann an eaglais a' bhaile sin air 21 Faoilleach, 1837. B' e Niall Bàn mac Alasdair athair agus Màiri NicFhionghain, Màiri Fhionnlaigh Maoir, a mhàthar agus bha iad air pòsadh air 23 Sultain, 1819. Bha Fionnlagh Maor à Ealaghol anns an Eilean Sgitheanach agus bha e air tighinn a Bharraigh a dh'obair do MhacNèill Bharraigh. B' ann aige a bha an taigh-òsta ann am Borgh.

Bha ochdnar anns an teaghlach agus b' e Mìcheal an duine a b' òige. Fhuair e foghlam air leth bho mhaighstir-sgoile air an robh Uilleam Arbuckle, a bha a' teagasg ann an Sgoil Bhaile na Creige. Bha e air a ràdh gun robh comas sònraichte aige a thaobh cànanan.

Bha e a' dol dhan eaglais ann am Baile na Creige agus chante gu robh barrachd ag èisteachd ris na searmoin agus na h-òraidean aig Mìcheal an dèidh na h-aifreann na bha ag èisteachd ris an t-sagart.

Bhiodh e a' bruidhinn an aghaidh dol-a-mach an fheadhainn a bha a' riochdachadh na h-oighreachd agus thug e fianais làidir, seachd duilleagan deug a dh'fhaid, do Choimisean Napier (Leabhar 1, t.d. 643-658).

Anns an fhianais sin tha e ag ràdh gu robh croit aig a bhràthair agus gu robh e air a bhith ag obair fad ochd bliadhna thar fhichead airson am màl a phàigheadh còmhla ris. Aig an àm sin bha e air a bhith ri croitearachd agus ri iasgach fad a bheatha, agus ged a bha e tric air falbh às an eilean, cha robh e air a bhith riamh air falbh cho fada ri bliadhna.

Anns an leabhar Reflections on the Isle of Barra le Dòmhnall Bochanan (1942), tha an t-ùghdar ag ràdh, "Michael Buchanan wrote a lot of quite passable poetry, but it was not quite as incisive and wit laden as his speech and prose."

B' e Mìcheal Bochanan an t-eadar-theangaiche a bha aig Coimisean Napier, Coimisean nan Croitearan agus Coimisean nam Frìthean ann am Barraigh. Anns an leabhar The Fairy Faith in Celtic Countries tha an t-ùghdar, W. Y. Evans Wentz, ag ràdh gu robh e gu mòr an comain Bhochanain airson a chuideachaidh a thug e dha nuair a bha e a' rannsachadh ann am Barraigh.

Tha Wentz cuideachd ag ràdh gun do sgrìobh Mìcheal leabhran The MacNeils of Barra Genealogy a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1902.

Thug Mìcheal cuideachd taic do Iain F. Caimbeul, Iain Òg Ìle, nuair a bha e air a chuairtean ann am Barraigh a' rannsachadh dualchas an eilein.

A rèir choltais bha e na dheagh chàraid agus na neach-taic do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich, a sgrìobh an leabhar Antiquarian Notes, Historical, Genealogical, and Social; Second Series: Inverness-shire, Parish by Parish (1897) agus thug Mac an Tòisich cuireadh dha a dhol a Lunnainn. B' e am prìomh adhbhar a bh' aige airson an turais seo a dhèanamh, gum faiceadh e an dachaigh far an robh an Seanalair Ruaraidh MacNèill, a bha air Barraigh a reic ris a' Chòrnaileir Gòrdan Chluanaidh, a' fuireach agus far do chaochail e ann an 1863.

Anns an leabhar Eriskay Where I was Born tha Aonghas Èideard MacAonghais ag ràdh gun do choinnich a shinn-seanair ri Mìcheal Bochanan uair, ann an Liverpool, far an robh Bochanan na oifigear cuspainn.

Chaochail Mìcheal Bochanan ann an Ospadal Dhalabroig air 29 Giblein, 1915, aig aois 68. Tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Hàllainn ann an Uibhist a Deas, ach chan eil lorg air càite bheil an uaigh aige.

Tha sinn an comain Chaluim MhicNèill, à Barraigh, airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.