Màiri Peckham

Màiri Peckham

B' ann à Port Nis, Leòdhas a bha Màiri Peckham (Mhoireasdan). Cha robh i ach 18 nuair a chaidh a h-iompachadh ri linn an dùsgaidh mhòir ann an 1949.

Chaidh i do Cholaiste a' Bhìobaill an Dùn Èideann airson dà bhliadhna agus an dèidh sin thug i ceithir bliadhna deug "a' searmonachadh agus a' seinn an t-soisgeil anns na h-eileanan agus air feadh Bhreatainn."

Bha Màiri ann an iomadh àite air feadh an t-saoghail bhon uair sin, leatha fhèin agus còmhla ri a cèile. Bha i pòsta aig Cailean Peckham a rugadh an Afraga a Deas agus a bha na cheannard air Colaiste a' Faith Mission an Dùn Èideann.

Chaochail Cailean ann an 2009, agus chaochail Màiri san Lùnastal 2010.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.