Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran)

Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran)

Chan eil fios cinnteach cuin no càite an d' rugadh Màiri ach b' ann san Eilean Sgitheanach mun bhliadhna 1821, agus b' ann san eilean sin a chur i seachad làithean a h-òige.

Phòs i greusaiche, Ìsaac Mac a' Phearsain, san t-Samhain 1847 agus bha co-dhiù sianar chloinne aca. Chaochail Ìsaac ann an 1871 agus thàinig air Màiri a dhol a dh'obair mar shearbhanta.

Ann an 1872, chaidh cur às a leth gun do ghoid i aodach bhon tè aig an robh i ag obair fhad 's a bha seirbheis an tòrraidh aice a' dol air adhart. Chaidh a chùis a dhearbhadh na h-aghaidh agus fhuair i binn dà fhichead latha as a' phrìosan. B' ann an dèidh seo a thòisich i ri òrain a dhèanamh, oir mar a dh'innis i fhèin:

"S e na dh'fhuiling mi de thàmailt
A thug mo bhàrdachd beò."

Dh'fhàg i Inbhir Nis sa gheamhradh 1872 agus ann an Glaschu rinn i cùrsa banaltraim. Ann an 1876 chaidh i a Ghrianaig ach thill i dhan Eilean Sgitheanach ann an 1882. Bha ùidh mhòr aice ann an strì an fhearainn agus bha meas mòr aig daoine air na h-òrain aice.

Chaochail i ann am Port Rìgh air 7 Samhain, 1898, agus chaidh a tiodhlacadh an Cladh a' Chapail, ann an Inbhir Nis, ri taobh a cèile Ìsaac.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.