Màiri Anna NicUalraig

Màiri Anna NicUalraig

Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar neach-teagasg sheinneadairean is luchd-ciùil.

Fhuair i a trèanadh mar neach-ciùil clasaigeach an toiseach ann an Douglas Academy, sgoil-ciùil shònraichte ann an Glaschu. Cheumnaich i à Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba (an RSAMD) agus lean i oirre a' rannsachadh ciùil anns an Royal Northern College of Music ann am Manchester.

Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Ghlaschu ann an 1988 agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs a' bhliadhna ron a' sin.

Thug i grunn bhliadhnaichean ag obair anns an t-seòmar-naidheachd aig BBC Radio nan Gàidheal an Inbhir Nis ach leig i às an obair sin airson a bhith làn-ùine an sàs ann an ceòl.

Tha Màiri Anna air a bhith aig cridhe iomadh pròiseact sònraichte co-cheangailte ri ceòl, ri òrain agus ri Gàidhlig, nam measg Lasair Dhè a chruthaich ceòl ùr airson sailm Ghàidhlig agus a choisinn duais Saltire dhith ann an 1999.

A bharrachd air a bhith a' seinn agus a' cluich piàna agus clàrsaich air feadh na dùthcha agus thall thairis, tha Màiri Anna aithnichte mar riochdaire ciùil. Mar eisimpleir 's i a dheasaich an ceòl airson an t-sreath telebhisean Aig Cridhe ar Ciùil agus bha i ri faicinn a' brosnachadh agus a' misneachadh chàich anns an t-sreath A' Gharaids air BBC ALBA. 'S i cuideachd a tha a' cumail smachd air Na Seòid.

Tha i cuideachd aithnichte mar neach a tha a' cruthachadh ceòl ùr agus tha i air obair a dhèanamh, mar eisimpleir, do Fhèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann. Tha i a' lìbhrigeadh phrògraman-ciùil air BBC Radio nan Gàidheal, BBC Radio Scotland agus BBC Radio 3.

Tha Màiri Anna a' fuireach agus ag obair ann an Àird Ghobhair.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.