Mairead McLeman

Mairead McLeman

Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha aon bhràthair aice, Doneil, a tha na einnseanair aig muir, agus piuthar, Màiri, a tha pòsta agus a' fuireach air iomall Steòrnabhaigh.

Chaidh Mairead do Sgoil a' Bhac agus an uair sin do Sgoil a' Chaisteil ann a' Steòrnabhagh.

Thug i greis ag obair mar chuidiche do fhiaclair mus do thòisich i teaghlach. Tha i pòsta aig fear de mhuinntir an eilein, Derek McLeman, agus tha dithis nighean aice, Eilidh a tha gu bhith 17 agus Chloe a tha 15. Tha dachaigh an teaghlaich air a' Bhac.

Fad nan còig bliadhna mu dheireadh tha Mairead air a bhith ag obair làn-ùine aig Taighean Innse Gall, a' coimhead às dèidh tabhartasan airgid a chuidicheas daoine gus teas a chuir 's a ghlèidheadh nan dachaighean.

Thòisich Mairead a' seinn còmhla ri Còisir Òg a' Bhac, fo stiùireadh Rodney MhicCoinnich, nuair a bha i mu ochd bliadhna a dh'aois.

Sheinn i leatha fhèin aig Mòd Nàiseanta airson a' chiad uair ann am farpais airson clann fo aois deich bliadhna. Cha dhìochuimhnich i gu bràth a bhith air àrd-ùrlar ann an Eden Court an Inbhir Nis a' seinn Ho mo Luran agus a' glèidheadh a' chiad duais.

Lean i oirre a' dol gu Mòdan, a' seinn leatha fhèin agus ann an Còisir a' Loch a Tuath, an dèidh Còisir Òg a' Bhac. Aig a' Mhòd ann a' Steòrnabhagh, ann an 1989, choisinn i Bonn Airgid a' Chomuinn Ghàidhealaich.

An-diugh tha i a' seinn leatha fhèin agus ann an Còisir Sgìre a' Bhac. Choisinn i am Bonn Òr airson seinnn san t-Seann Nòs aig Mòd Gallaibh, 2010. Tha i taingeil airson a' chuideachadh a tha i a' faighinn bho Alexina Ghreumach nuair a bhios i a' deasachadh airson farpaisean.

'S toigh leatha a bhith a' seinn agus bho chionn greis a-nis, nuair a bhios i a' seinn aig leithid Fèis nan Còisir, tha Niall Johnson air a bhith a' cumail taic rithe air cello.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.