Mairead NicDhonnchaidh

Rugadh Mairead NicDhonnchaidh air 19 Ògmhios, 1888, ann an Gleann MhicAoidh, mu dhà mhìle gu leth bho Phort na h-Abhainne, ann an Ìle.

Bha ochdnar as an teaghlach, i fhèin is ceathrar pheathraichean is triùir bhràithrean, uile math air ceòl, agus bha na seann òrain Ìleach aca uile. 'S ann à Ile a bha am màthair agus bhuineadh an athar do Shruighlea. Thàinig e na gheamair do na Rannan.

Nuair a chaidh Mairead dhan sgoil bha fear Niall Orr na mhaighstir-sgoile ann am Port na h-Abhainne, agus b' esan a thug a' chiad leasanan ann an seinn is ceòl do Mhairead. Bha i anns a' chiad chòisir riamh a thàinig à Ìle gu Mòd, dhan Òban.

Ghluais an teaghlach a Ghlaschu faisg air toiseach na linne agus rinn iad an dachaigh ann an Shawlands. Dh'ionnsaich an còignear nighean uile a bhith nam mnathan-eiridinn. Chaillear aon de na gillean anns a' Chiad Chogadh; bha fear na mhinisteir agus bha an treas gille na fhear-gnothaich ann an Glaschu. B' esan Alasdair, a chluicheadh an fhidheall agus a bhiodh uaireannan a' cumail taic ri Mairead nuair a bhiodh i a' seinn.

Choisinn Mairead am Bonn Òr aig Mòd Shruighlea ann an 1909, aig aois 21. Bha e follaiseach gu robh tàlant air leth aice agus ghluais i fhèin agus a peathraichean a Lunnainn. Rinn iad an dachaigh ann an Twickenham agus chaidh i gu Colaisde Ciùil a leasachadh a guth agus a h-eòlas air ceòl.

Air BBC Radio nan Gàidheal air 04/03/1985, thuirt Iain Mac a' Phì mu deidhinn:

"Bha i rìomhach agus bha i rìoghail. Bha fios aice fhèin gun robh an guth aice agus, nuair a ghabhadh ise suas a sheinn a h-aon de na h-òrain gràdhach againn, bha fhios againn gu robh seo dol a bhith air a dhèanamh ceart. Chan fhaic sinn a leithid gu bràth."

Air an aon phrògram thuirt Màiri NicNimhein, "Bha i bòidheach agus bha presence aice."

Bha a bràthair, an t-Urr Daibhidh MacDhonnchaidh, na mhinisteir an Uibhist a Deas aig aon àm. Bha e a' fuireach as a' mhansa gu math dlùth de Dhreumasdal agus sin far na thachair Sìneag NicLabhrainn ri Mairead:

"Cha robh iomagain sam bith oirre ciamar a bha i air a sgeadachadh. Bu thoigh leatha dreas dubh. Ach air cho sean sa bha an dreas no ge bith dè, cha do chuir sin dragh sam bith air Mairead. Bha ise mar gum biodh soitheach mòr a' seòladh ... sheòladh i a-staigh air a' phlatform. Bha rudeigin timcheall oirre, agus a' Ghàidhlig aice cho math, Gàidhlig Ìleach."

Tha e soilleir gu robh buaidh aig Mairead air daoine. Bhiodh i tric a' dol air cuairtean air feadh na Gàidhealtachd a' seinn còmhla ris an t-seinneadair ainmeil Coinneach MacRath. Tha e coltach gur h-i a bhiodh a' cumail nam faclan ceart dha. Cha robh iad eu-coltach ri chèile a rèir Fred MacAmhlaigh:

"Bha iad le chèile fosgarra, carthannach, a' gabhail mòr thlachd anns na bha iad a' dèanamh, agus a' faighinn toileachadh mòr anns an toil-inntinn a bha iad a' toirt don luchd-èisteachd."

Ged a bha i cho ainmeil ri seinneadair sam bith na latha, cha robh mòrchuis mu timcheall. Bha i laghach agus, a rèir coltais, èibhinn, mar a dh'fhoghlam an seinneadair Eàirdsidh Grannd 's e air chuairt còmhla rithe.

"Bha sinn an dèidh tighinn à Barraigh le cnapach de bhàta, 's bha sinn a' tighinn a-staigh do dh'Èirisgeigh. Bha consairt gu bhith ann an oidhche sin. Cha robh cidhe no sìan ann, ach bha an tràigh a-mach co-dhiù. Agus thàinig sinn ri taobh clach mhòr a bha seo, agus cha robh fhios aig Margrat bhochd, bha i cho mòr, ciamar a gheibheadh i a-mach.

"Eàirdsidh" ars ise. "An tog thu mi air do mhuin, 's an toir thu mi a-mach às a' bhata?"

"Togaidh" arsa mise.

Well bha mise cho beag, 's ise cho mòr, 's bha e na imcheist ormsa ciamar a dhèanainn e. Ach dh'aontaich mi co-dhiù. Chaidh Margrat suas agus leum i air mo dhruim 's dh'fhalbh mise 's mi spaidsearachd as an fheamainn. Is 's ann a dh'fhalbh an dà chas bhuam, 's siud Margrat sìos, 's mise air a muin as an fheamainn. Agus dh' èirich mise an uair sin. Nuair a sheall mi, 's nuair a chunnaic mi coltas Margrat as an fheamainn, thòisich mi air gàireachdainn.

"O" ars ise. "Cha dèanadh tu càil ach gàire co-dhiù! Ged a bhithinn air mo mharbhadh, cha dèanadh tu ach gàire co-dhiù!"

Bha mise, cha b' urrainn dhomh bruidhinn le gàireachdaich. 'S bha sinn a' faighinn de spòrs mar sin as a h-uile àite."

Bha fèill mhòr air na clàir aice. Ach cha b' e òrain a-mhàin a chuir i air clàr. Bhiodh i cuideachd a' dèanamh guthan eadar-dhealaichte, ann an sgeidseachan leithid 'Piàna Ùr Màiri Chamshron', a bha cuideachd a' tighinn a-mach air clàir.

Chaochail Mairead aig aois 62, ann an 1950. 'S mar a thuirt Fred MacAmhlaigh, "Chaidh balbh seinneadair cho ceòlmhor, drùidhteach, agus a chualas riamh air a' ghramafon."

Mar chuimhneachan oirre thug an Comunn Ìleach ann an Glaschu seachad dà dhuais airson farpaisean chòisirean, aon don Mhòd Nàiseanta agus an tèile do Mhòd ionadail Ìle.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.