Maighread Stiùbhart

Maighread Stiùbhart

Rugadh Maighread Stiùbhart air 12 Ògmhios, 1956, agus thogadh i ann an Col Uarach, Leòdhas. Bha seinn agus bàrdachd mun cuairt oirre nuair a bha i a' fàs suas. Bha a seanair, a bha math air seinn, a' fuireach còmhla ris an teaghlach agus ged nach robh guth seinn cho math aig a h-athair, chuireadh e loinn shònraichte air òran agus bha e dèidheil orra.

Bha piuthar a seanar pòsta aig Iain Mòr MhicCàidh à Beàrnaraigh a chaidh a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba.

Thug Maighread iomadh bliadhna a' fuireach thall thairis, ann a' Bhenesuèla, an Canada, an Àisia an Ear agus san Ear Mheadhanach, ach an-diugh tha i a' fuireach ann an Inbhir Narann.

Bha i dèidheil air seinn bho bha i glè òg agus bhiodh i tric a' gabhail pàirt anns na mòdan ionadail. Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1993 ann an Àrd Ruighe. Bhon uair sin tha a cliù mar sheinneadair air sìor dhol am meud.

Tha i air seinn aig na fèisean as ainmeile air feadh Bhreatainn agus Èirinn, eadar Fèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, Celtic Connections, Piping Live, Sgoil Shamhraidh Willie Clancy agus Fèis Ealain Earagail an Dùn nan Gall.

Tha seinn cuideachd air a toirt gu àrd-ùrlair ann an dùthchannan leithid Singapore agus a' Lebanon, a' Ghearmailt 's an Fhraing.

Tha fèill air Maighread cuideachd mar neach-teagaisg seinn agus 's iomadh seinneadair sean is òg a tha air buannachd fhaighinn às na clasaichean aice aig leithid Ceòlas an Uibhist a Deas, Fèis Willie Clancy an Èirinn agus Sabhal Mòr Ostaig. Bidh i bho àm gu àm cuideachd a' teagasg an Sgoil Ciùil a' Phluic agus ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba, an RSAMD.

Tha Maighread cuideachd air a h-eòlas air ceòl agus òrain a chuir gu feum anns a' phròiseact Tobar an Dualchais far an robh i na h-aon de dhithis eòlaichean a bha an urra ri catalog a dheasachadh de na h-òrain a th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.

Tha i air nochdadh air iomadh program telebhisean agus rèidio. Tha ùidh shònraichte aice ann a bhith a' toirt gu aire luchd-èisteachd òrain nach cluinnear ach ainneamh agus rinn i sin ann am prògraman leithid Na h-Eilthirich agus Am Pòsadh Hiortach. Cluinnear a guth a' gabhail òrain Sheumasach ann an Ionad Chùil Lodair.

Tha i air mòran a dhèanamh an co-bhonn ri seinneadairean agus luchd-ciùil eile, agus tha an dà CD a rinn i còmhla ris a' phìobaire Ailean Dòmhnallach à Gleann Ùige gu h-àraidh aithnichte, mar a tha an CD a rinn i leatha fhèin.

B' i "Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna" ann an 2008 agus tha a teisteanas ri lorg ann am faclan an t-Oll. Iain MacAonghais:

"a performer who has the verbal dexterity and natural ornamentation of a native speaker of Gaelic; never becoming over-precise or artificial in her diction, nor does she ever distort the underlying rhythms of the language. Margaret sings her songs sensitively, intimately and with unfailing dignity."

Chaidh an dealbh seo de Mhaighread a thogail le Leila Angus.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.