Magaidh NicAonghais

Magaidh NicAonghais

Rugadh Magaidh NicAonghais an Glaschu ged a tha a dachaigh an-diugh ann an Siorrachd Àir. Tha i na seinneadair agus na neach-cluiche clàrsaich.

A' dol air ais linntean, tha seinneadairean am measg a sinnsireachd, agus tha i ag ionnsachadh a' mhòr-chuid de nan h-òrain Ghàidhlig a bhios i a' seinn bho a màthair, an seinneadair ainmeil, Flòraidh NicNèill M.B.E. à Barraigh.

Tha Magaidh air a bhith a' seinn agus a' cluich còmhla ri grunn chòmhlain thairis air nam bliadhnaichean, mar eisimpleir, Ossian, Fuaim, Eclipse First agus The Maggie MacInnes Band.

Tha i air iomadh àite san Roinn Eòrpa, agus anns na Stàitean Aonaichte agus Canada, a chuairteachadh le a cuid ciùil agus air pàirt a ghabhail ann an iomadh prògram rèidio agus telebhisean aig an taigh agus thall thairis.

Tha i air mòran obair a dhèanamh còmhla ris a' chompanaidh telebhisean MNE Media. Dhaibhsan chruthaich i an ceòl, agus sheinn agus chluich i e, airson dà phrògram aithriseach telebhisean a rinn iad airson a' BhBC, An Tràigh Mhòr agus A' Fàgail Mhiughalaigh.

Chruthaich i cuideachd agus ghabh i pàirt ann an ochd prògraman telebhisean eile, stèidhichte air aon de na CDan aice, Òran na Mna. Ann an 2004, choisinn i a' bhòt airson Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna anns na BBC Scots Trad Music Awards.

Thairis air na dhà na thrì bhliadhnaichean mu dheireadh tha Magaidh air a bhith a' seinn agus a' cluich còmhla ris an Trio aice, le Brian McAlpine agus Anna Massie.

Aig an àm seo tha i ag obair còmhla ri fear-ciùil Èireannach, Colum Sands, agus iad a' coimhead ris na ceanglaichean a tha eadar Èirinn agus Alba a thaobh cultar agus ceòl ann an cuirm-chiùil air a bheil an t-ainm Bàta an t-Sìl.

Sa Chèitean 2009, is e a' dèanamh lèirmheas air consairt anns an robh i a' seinn, sgrìobh Peter Urpeth:

"Maggie performs these great and rare songs with an emotion and an intimacy that surely can only come from her in-the-blood proximity to these songs in their original domestic rather than concert hall setting. This brings to her performance an uncontrived naturalness and at times raw heartfeltness that is nothing short of captivating."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.