Lorna NicDhùghaill

Rugadh Lorna NicDhùghaill ann an Grianaig ach thogadh i ann an Caol Loch Aillse far an robh a h-athair, an t-Urramach Iain MacDhùghaill, na mhinisteir ann an Eaglais na h-Alba. Bha e na iar Cheann-suidhe air a' Chomunn Ghàidhealach agus tric na bhritheamh aig Mòdan. Bha a chuideachd à Muile agus taobh an Òbain agus bha cuideachd màthair Lorna, Ena, à Ile.

Chaidh Lorna don sgoil an toiseach anns a' Chaol agus an uair sin, an dèidh dhan teaghlach gluasad gu deas, an Àrd-sgoil na h-Eaglaise Brice. Rinn i ceum ann an Eachdraidh ann an Oilthigh Ghlaschu agus bhon uair sin tha i air a bhith a' teagasg Eachdraidh ann an Àrd-sgoil san Eaglais Bhric agus an-diugh ann an Siorrachd Clach Mhanainn far a bheil i na ceannard roinne.

Choisinn Lorna Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd an Òbain ann an 1978. Ged nach eil i a' seinn air beulaibh dhaoine an-diugh tha ùidh mhòr aice ann an òrain agus ceòl nan Gàidheal agus anns an dòigh a tha seinneadairean agus luchd-ciùil òga a' cur an dreach fhèin air. Tha i ag èisteachd ri BBC Radio nan Gàidheal gus cumail suas ri na clàraidhean as ùire agus, mar a cheadaicheas ùine dhith, tha i fhèin ag ionnsachadh an clarinet a chluich.

Tha Lorna cuideachd na Ministeir Taic ann an Eaglais Paraiste Zetland ann an Inbhir Ghrainnse agus, gus bho chionn ghoirid, bha i na seaplain do bhuidheann na h-Eaglaise Brice agus an sgìre mun cuairt de Bhrigade nam Balach. Tha i cuideachd a' toirt taice is cùram do a màthair.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.