Kitty NicLeòid

Kitty NicLeòid

Anns a' bhliadhna 1914, rugadh Kitty NicLeòid anns na h-Innseachan, far an robh a h-athair Coinneach MacLeòid, Coinneach Aonghais Ruaidh no A' Gheinn, à Adabroc ann a' sgìre Nis, Leòdhas as an arm. Bha a màthair, Anna Phàdraig, à Tong.

Nuair a thill a màthair agus Kitty air ais a Bhreatainn, thug Anna greis a' teagasg ann an Ùig, mus d' fhuair i obair ann an Sgoil Sgiogarstaidh ann an Nis. Sin far an do chuir Kitty seachad a h-òige còmhla ri a bràthair, Coinneach, agus a piuthar, Marietta. Chluicheadh Coinneach a' phìob agus bha an dithis nighean math air seinn bho bha iad beag.

Mar a co-aoisean, chaidh Kitty do Sgoil Lìonail agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh far na thuig co-dhiù aon thidsear gu robh i math air seinn. Mar a dh'innis i fhèin air BBC Radio nan Gàidheal:

"'S e an t-Urchardan, Alasdair còir, fear-teagaisg Gàidhlig, agus bhiodh e ga mo thòmhadh agus ga mo bhrodadh, 's a' cantainn "Feumaidh tu dhol chun a' Mhòd againn fhìn ann a' Steòrnabhagh.""

Dh'fhàg Kitty Leòdhas airson a dhol do dh'Oilthigh Dhùn Èideann ach, fad a beatha, bha na h-eileanan cudromach dhith, mar a mhìnich i, 's i suas ann am bliadhnaichean:

"Tha mi a h-uile bliadhna, nuair a thig an Giblean, tha mi a' miannachadh a dhol agus seasamh air mòinteach Nis. Ged is e Nis as an deach mo thogail, tha sgìre no dha air feadh Leòdhais is na Hearadh, agus Barraigh nam beannachd, as am miannaichinn a dhol airson dhà no trì sheachdainean. 'S bhithinn an uair sin riaraichte, 's thiginn air ais a Dhùn Èideann 's bhithinn aig fois."

B' ann an Dùn Èideann a choisinn Kitty a' chiad Bonn Òr:

"Bha Mòd beag aig Comann Tìr nam Beann an Dùn Èideann agus chaidh m' ainm-sa a chuir a-steach. Cha b' e mi fhìn a chuir m' ainm a-steach idir. 'S chaidh toirt orm seinn agus tha e coltach gun chòrd mi ri na britheamhan cho mòr agus gun tug iad dhomh am Bonn Òr."

B' e an ath cheum a dhol chun a' Mhòd Nàiseanta:

"'S e dà Mhòd aig an robh mise a-riamh. Bha mi aig a' Mhòd an Dùn Èideann an 1935. Chaidh mi an ath bhliadhna a-rithist a dh'Inbhir Nis agus sin far an d' fhuair mi am Bonn Òr."

An dèidh sin bha Kitty a' seinn air feadh Bhreatainn, an àiteachean mar Lunnainn is Manchester, Obar Dheathain agus Dùn Èideann, còmhla ri cuid de phrìomh sheinneadairean an latha, leithid Coinneach MacRath agus Ailean MacIllEathain, Mairead NicDhonnchaidh agus Mairead NicAonghais.

Ach cha b' e an stoidhle seinn a bha fasanta aig an àm as an robh ùidh aig Kitty. B' fheàrr leatha òrain a bhuineadh dhan fhìor dhualchas. Bha i air mòran òrain ionnsachadh bho a màthair agus bho piuthar a màthar agus bho charaidean ann am Barraigh.

"Bha Barraigh caomh. Fhuair mise slàinte ann am Barraigh nach d' fhuair mi an àite eile. Bha Mgr Iain, Father John MacMillan, agus An Coddy agus a bhean ghràdhach Ealasaid, agus Anna NicIain agus Calum, agus Mary Morrison, b' e sin na daoine a dh'aithnichinn glè mhath agus bhon d' fhuair mi càirdeas agus Crìosdalachd nach d' fhuair mi ann am mòran àiteachan a-riamh."

Bha beachdan làidir aig Kitty mu òrain:

"Bha mi mar gum biodh rudeigin na mo thaobh a-staigh bho bha mi na mo phàiste beag a bha ag innse dhomh gu robh rudeigin as na briathran 's as a' cheòl a bha sin a bha co-fhuaighte agus co-cheangailte ri spiorad an t-sluaigh as a h-uile càil a thachair dhaibh, ann an doirbheadas, ann a' laigse, ann an treubhantas, ann an gaol, ann an àmhghair, rud sam bith.

'S e siud an aon dòigh a bh' aca air innse gu dè bha dol air adhart no dè bha as na faireachdainnean aca agus dè bha tachairt riutha. Agus bha mise a' faighinn riarachadh air leth ann am mìlseachd nan amhran sin."

A dh'aindeoin an fhèill a bha oirre, agus a dh'aindeoin a bhith gabhail pàirt ann an fìolmaichean leithid Rob Roy, sguir Kitty a sheinn air àrd-ùrlar.

Bho àm gu àm thairis air bliadhnaichean chlàr i òrain do Pharlaphone, dhan BhBC, do Sgoil Eòlais na h-Alba agus do Ghaelfonn.

Bha an teaghlach air gluasad a Ghlaschu timcheall air 1941 agus bha Kitty agus a màthair a' teagasg sa bhaile. An dèidh bàs a màthair chaidh i a theagasg a Lodainn an Ear. Leig i dhith a dreuchd ann an 1974, 's rinn i a dachaigh ann an Ormiston.

Bha i pòsta dà uair, aig Murchadh MacIllFhinnein agus aig an Dotair Ernest Gregson. Cha robh teaghlach aice.

Chaochail Kitty NicLeòid air 7 Cèitean, 2000.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.