Kirsteen NicDhòmhnaill

Kirsteen NicDhòmhnaill

Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air 18 Dùbhlachd, 1983. Thogadh i ann an Inbhir Nis, ged is ann à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre Mhùideart a bha a màthair, Marjorie Nic a' Phearsain nach maireann, agus 's ann à Baile Eilidh a tha a h-athair, Tommy MacDhòmhnaill.

Chaidh Kirsteen gu Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis far an d' fhuair i foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus an uair sin gu Àrd-sgoil Allt na Muilne. Cha robh facal Gàidhlig anns an dachaigh ged a bha Gàidhlig aig athair a màthar.

Thòisich Kirsteen a' seinn aig aois gu math òg. 'S i an tidsear aice, Lisa Storey, a bhrosnaich i an toiseach gus pàirt a ghabhail ann an co-fharpaisean nam Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Bhon uair sin tha i air a bhith dha-rìribh dèidheil air seinn ann an Gàidhlig. Ann an Àrd-sgoil Allt na Muilne bha Seònaid NicGrìogair gu dìcheallach ga cuideachadh le òrain a' Mhòid agus òrain a sheinneadh i aig cèilidhean agus cuirmean.

Chaidh i tro foghlam àrd-ìre aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, far an do cheumnaich i le BA (le Urram) ann an Cànan agus Cultair na Gàidhlig. Fhad 's a bha i aig Sabhal Mòr 's i Cairistìona Primrose a bha ga cuideachadh agus a' toirt comhairle dhith a thaobh òrain.

Bho cheumnaich i tha Kirsteen air a bhith ag obair aig a' BhBC, an toiseach air prògram na cloinne Dè a-nis?, an uair sin na neach-naidheachd aig BBC Radio nan Gàidheal. Tha i a-nise a' lìbhrigeadh na h-aimsir air an telebhisean air BBC ALBA agus do Reporting Scotland an-dràsta is a-rithist, ged tha i fhathast ag aithris na naidheachdan air Radio nan Gàidheal gu math tric.

Bhuannaich Kirsteen Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2006 aig Mòd Dhun Omhain le cuideachadh a' deasachadh bho Cheana Chaimbeul. Fhuair i an Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2008 anns an Eaglais Bhric, agus Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 2009 aig Mòd an Òbain. Tha i cuideachd na ball de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.