Kathleen NicAonghais

Kathleen NicAonghais

'S i Kathleen NicAonghais aon den t-sianar chloinne a bha aig Dhòmhnaill Phàdraig Iagain air a bheil Mìcheal Mac a' Phearsain a' cuimhneachadh sa chumha Òran Dhòmhnaill Phàdraig Iagain.

Chaidh i gu Sgoil Dhalabroig, gu Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh agus an uair sin thug i ceithir bliadhna sa cholaiste mus do cheumnaich i le Urram ann am Print Design ann an 1991.

Ghabh i obair geàrr-ùine aig STV agus bhon uair sin fhuair i obair air iomadh prògram telebhisean, nam measg Ran Dan, Machair agus Tacsi. 'S i a chluich Kay NicMhathain anns an dealbh An Ceasnachadh ann an 2000.

Tha i air mòran obair theatre a dhèanamh cuideachd, mar eisimpleir trì dealbhan-chluich còmhla ris a' chompanaidh Tosg, No V in Gaelic as a' Citizen's Theatre an Glaschu, agus dà dhealbh-chluich as an Arches Theatre an Glaschu cuideachd.

Tha i air seinn an iomadh àite agus còmhla ri iomadh seinneadair agus neach-ciùil eile, agus b' i a choisinn duais Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig Na Trads ann an 2006.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.