Julie Fowlis

Julie Fowlis

Rugadh agus thogadh Julie Fowlis ann an Uibhist a Tuath agus bho bha i na nighean òg, tha ùidh mhòr air a bhith aice ann an ceòl agus cultar na Gàidhlig. Tha i air a bhith a' cluich na pìoba, a' dannsa agus a' seinn bhon uair sin agus air iomadh duais a choisinn.

B' i Julie a' chiad Tosgaire na Gàidhlig a bh' air ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2008, agus am measg nan duaisean eile a tha i air fhaighinn, b' i Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna 2007 agus Radio 2 Folk Singer na bliadhna 2008.

Tha Julie pòsta aig an neach-ciùil Éamonn Doorley agus tha aon leanabh aca, Éabha.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.