Janet NicPhàil

Rugadh Janet NicPhàil, no Janet Gray mar a bha oirre an uair sin, ann an Glaschu. B' ann à sgìre Bheàrnaraigh Leòdhais a bha a màthair agus b' ann à Glaschu a bha a h-athar. Dh'fhuirich an teaghlach ann an Glaschu gus an robh Janet mu dhà bhliadhna a dh'aois, agus thàinig iad an uair sin a Leòdhas, gu sgìre a' Bhac.

Tha cuimhneachain mhath aig Janet air a bhith fàs suas air a' Bhac, ri taobh a' chladaich, ann an dachaigh dhòigheil a bha làn òrain is ceòl agus daoine a' tadhal fad na h-ùine. B' e seinneadair math a bha na h-athair agus bha e air leth sgileil air a' phiàna.

Na h-òige bhiodh i dol chun an Sgoil Fhuinn, as am biodh an òigridh ag ionnsachadh nan salm. Nan ionnsaicheadh iad fonn ùr thigeadh iad dhachaigh agus sheinneadh iad e agus chluicheadh a h-athair e air a phiàna. Bhiodh an aon rud a' tachairt le òrain Ghàidhlig a bhiodh iad ag ionnsachadh san sgoil. Bha, agus tha, ùidh mhòr aig Janet ann an òrain agus ceòl.

Air BBC Radio nan Gàidheal, dh'innis i mun chuimhne a th' aice air tòiseachadh a sgrìobhadh bàrdachd:

"'S dòcha gur ann aig an taigh air a' Bhac nuair a bha mi na mo dheugaire, tha mi a' creidsinn, a sgrìobh mi a' chiad phìos. Agus saoilidh mi gur a bhith coimhead suas 's dòcha ri gealach no ri adhar, agus an taigh againn a' coimhead a' Loch a Tuath air ar beulaibh agus an t-adhar cho àrd os ar cionn 's na reultan 's a' ghealach. Saoilidh mi gur e na rudan sin a ghluais mi an toiseach.

Tha mi creidsinn nuair a bha mi nam dheugaire gu faca mi gu robh brìgh na mo bheatha fhìn, agus gu robh mi ann an tìm a' gluasad a dh'ionnsaigh sìorraidheachd, agus gu robh na rudan-sa a bha mi air a thighinn gu bhith creidsinn, agus bha na rudan a bha mi a' creidsinn, bha iad na bu mhotha na bha m' inntinn fhìn.

Tha mi smaoineachadh gu robh mi sgrìobhadh, 's dòcha dhà na trì rudan dhan t-seòrsa sin, a' bruidhinn air sìorraidheachd, bàs, goid is ceartas, ar beatha, carson a tha sinn an seo, 's rudan dhan t-seòrsa sin.

Tha mi a' creidsinn na rudan a bha mi a' cluinntinn as an eaglais, na searmoin a bha mi cluinntinn, gu robh iad a' dèanamh làrach, chan ann a-mhàin na mo thuigsinn, ach air m' inntinn 's air mo chridhe, agus mi a' faicinn tha mo bheatha goirid agus 's e seo a' seòrsa rud a bha mi a' sgrìobhadh."

Ach a dh'aindeoin nan cuspairean, cha robh Janet fo throm inntinn no uallach a' fàs suas:

"'S e bh' annam ach cuideigin a bha anabarrach toilichte, à dachaigh cho toilichte 's a bh' ann a' sgìre a' Bhac. Ann an dòigh tha mi a' creidsinn gu robh aotromas gu leòr mu mo thimcheall, 's dibhearsain 's spòrs agus ceòl agus seinn.

Ach glè thric nach lorg sinn sin. Chan e 's dòcha na daoine a bhios a' gàireachdainn fad na tìde is toilichte. Glè thric nì duine gàire ach air cùl a ghàire, 's dòcha ma tha sinn lèirsinneach, gu faic sinn gu bheil barrachd ann. Ged a bha mise a' sgrìobhadh siud cha robh càil na mo dhachaigh a bha duilich ann an dòigh sam bith. Aig an àm sin bha chùis rèidh, bha an teaghlach slàn 's bha sinn dòigheil."

Chaidh Janet gu ruige Oilthigh Obar Dheathain nuair a bha i deiseil ann an sgoil Steòrnabhaigh. An dèidh ceumnachadh, fhuair i a' chiad obair a bh' aice ann an Sgoil MhicNeacail. An dèidh trì bliadhna innte, chaidh i gu colaiste anns A' Chuimrigh far an robh i a' dèanamh rannsachadh air a' Bhìoball agus chòrd sin gu mòr rithe.

Thill i gu tuath a dh'obair ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil am Barraigh, agus às an sin thill i air ais a Leòdhas far an robh i a' teagaisg ann an Sgoil a' Chaisteil gus an do dhùin i. Chaidh i an uair sin a dh'obair pàirt ùine air ais ann an Sgoil MhicNeacail.

Tha iomadh cuspair ga gluasad gu bàrdachd, obair, obair nàdair, creideamh, beatha is bàs, aonaranachd is cianalas, agus a cànan.

"Tha mi dèidheil air mo chànan. Tha mi smaoineachadh nuair a dh'fhalbhas ar cànan gu falbh tòrr dhe na bha na lùib, chan e mhàin eachdraidh ach a h-uile seòrsa rud beag nach eil a' tighinn a-steach oirnn a-nise, na rudan beaga 's docha as prìseil a th' ann."

Uaireannan, 's e cuspairean èibhinn a ghluaiseas i, mar eisimpleir nuair a bha i ag ionnsachadh dràibheadh:

'S e clutch na bochdain bha deuchainneach
Nuair stadainn air leathad, bha mi crìochnaichte;
Roladh sìos air ais, làmhan agus cas
Sporghail 'son brakes chumadh tèaraint' mi.

Ach 's ann aig amannan duilich na beatha bu mhotha a bha Janet a' cur peann ri pàipear. Chaill i a cèile, Dòmhnall, 's gun iad air a bhith pòsta ach mu chòig bliadhna agus 's i fhèin a choimhead às a dhèidh as an dachaigh aca am Bràgair airson nam mìosan mu dheireadh dhe bheatha.

Bha e doirbh dhith bruidhinn mun t-suidheachadh anns an robh i, agus na faireachdainnean a bh' aice, 's le sin tric thionndaidh i gu peann is pàipear.

Aig sruthaibh choimheach Bhàbailon 's ann dh'ionnsaich sinn gur ann
A-mach à meadhan dorchadas thig ceòl a tha gun chearb;
Nuair sheinneas sinn laoidh mholaidh mach à cridhe sgìth is fann
Sin tuigidh sinn na facail gur e Dia is Athair dhuinn.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.