Ina NicRisnidh

Ina NicRisnidh

Rugadh Ina NicRisnidh ann an Suaineabost, Nis sa bhliadhna 1947. B' i an t-siathamh duine cloinne a-mach à teaghlach de sheachdnar a bha aig a' Phuilean agus Màiri.

B' e Ina a' chiad sheinneadair às na h-Eileanan Siar a' choisinn Bonn Airgid a' Chomuinn Ghàidhealaich (do chlann eadar 13-15) ann an Sruighlea sa bhliadhna 1961.

Eadar sin 's 1964, b' ann tric a chluinnear i a' seinn aig cèilidhean air feadh Leòdhais, a' cuideachadh gus airgead a thogail airson Talla Nis a thogail.

Ann an 1965 ghluais i a Ghlaschu far an robh i na h-oileanach aig Glasgow and West of Scotland College of Domestic Science. An dèidh sin, bha i a' teagaisg air feadh Eilein Leòdhais, a' tòiseachadh ann an 1968 an Sgoil MhicNeacail. Leig i dhith a dreuchd ann an 2006 an dèidh 38 bliadhna.

Phòs i Iain MacRisnidh à Dail bho Thuath ann an Nis sa bhliadhna 1970 's tha dithis a theaghlach aca. An-diugh, tha Ina a' cur seachad mòran dhe h-ùine còmhla ris na h-oghaichean.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.