Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh)

Rugadh am bàrd agus an soisgeulaiche, Iain Moireasdan, Iain Gobha na Hearadh, ann an Ròghadal ann an 1790. Tha na dàin spioradail aige, leithid 'An Ionndrainn' agus An Nuadh Bhreith, air an seinn fhathast. Mar tha an dàn cumhachdach A' Mhisg:

'S iomadh teaghlach a dh'fhàg i 'n cruaidh-chàs 's am mì-rian
Is mnathan gan cràdh an ceann phàistean gun chiall
A' glaodhaich 's a' rànaich gu h-àrd 's iad gun bhiadh,
Gun aodach gu 'm bian a chòmhdach.

Mhill a' mhisg ort do bhiùthas 's do chliù chuir mu làr
Dh'fhàg i creacht' agus spùinnt' thu gun ionntas gun tàin.
Mheall i riamh thu le sùgradh, gun d' lùb thu d' a càil,
Is dh'fhàg i don ghràisg nad spòrs thu.

Is mhill i do reusan 's troimh-a-chèil' chuir do cheann
Mar bhrùid air bheag cèille 's le dèisdeanachd cainnt;
Bidh riasladh air Beurla, "De'il take ye, 's God damn"
Bidh tric air gach ceann de d' chòmhradh.

A' sgrìobhadh mu dheidhinn ann an Gairm, Àireamh 4, thug Ruaraidh Mac a' Ghobhainn a bheachd air a' ghobha mar dhuine a bha:

"grinn, glan na phearsa, treun ann an neart, glic agus geur na inntinn agus blàth aoidheil na chridhe." Bha Iain fileanta agus ealanta ann a' leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig agus Beurla, a dh'aindeoin 's nach tug e ach aon mhìos ann an sgoil. B' e gobha sgileil a bh' ann cuideachd:

"Dhèanadh e nì sam bith le iarann 's le òrd agus beartan eile. Bha fèill mhòr air obair air feadh Na Hearadh gu lèir, Uibhist, Beàrnaraigh agus cuid de Leòdhas. Chùm e ceithir teallaichean ag obair na cheàrdaich a' chuid mhòr de fhichead bliadhna.

Is cha b' e mhàin obair chumanta na ceàrdaich a bha e sàs ann. Dhealbhaich e le inntinn, agus chruthaich e le làmhan, iomadh seòrsa inneal, cuibhlichean, rothan de gach seòrsa, agus glasan nach fosgladh neach ach e fhèin."

Phòs e Mòr NicIllEathain nuair a bha e 30 bliadhna a dh'aois. Cha robh iad air a bhith pòsta ach naoi bliadhna nuair a bhàsaich Mòr, ann an 1829, a' fàgail Iain Gobha le ceathrar leanabh òg. Sgrìobh e mun bhuille a bha seo:

Is cianail tha mi 'n ceann do phàistean
Ta maoth, bàth gun chùram
Is lot am àirnibh bhi gan claistinn
Caoidh do ghràidh bha dlùth dhaibh.
Is e dh'fhàg gach là mo chridhe sgàint'
Mi 'n cruaidh-chàs fo thùrsa
Nach eil tràth san cluinn mi ràn
Nach bi na chràdh as ùr dhomh.

Anns 'An Ionndrainn', 's docha a' chiad laoidh a rinn e, tha e ag ràdh:

Mo chridhe trom gun fhonn 's mi sgìth
Is mi fo mhì-ghean mòr,
Gu brùit' am chom, gun fhois no sìth
Mi sìor dhol clì fo neòil;
Ged fhiosrach mi mu Fhear mo Ghaoil
Chan eil a h-aon am chòir
Bheir sgeul no seòladh dhomh san raon
Gu faotainn saor o m' bhròn.

Air a shlighe gu Hiort ann an 1822, thadhail an soisgeulaiche ainmeil Dòmhnallach na Toiseachd as na Hearadh agus bha buaidh shònraichte aig teagasg an Dòmhnallaich air Iain Gobha. Ann an 1828 thòisich e ag obair mar cheisteir, an toiseach aig an Scottish Society for the Promotion of Christian Knowledge, an S.S.P.C.K., agus, an dèidh dha a dhol dhan Eaglais Shaor, dhan an eaglais sin.

Ach cha b' e beatha spioradail an t-sluaigh a-mhàin a bha cur uallach air. Bha e gu math mothachail air an feumannan saoghalta cuideachd, mar tha Ruaraidh Mac a' Ghobhainn ag innse:

"Bha e na fhear lagha, na fhear sgrìobhaidh 's na charaid dhaibh uile. Chuir e iomadh athchuinge a dh'ionnsaidh Bùird Riaghlaidh na rìoghachd, gu sònraichte Bòrd an Iasgaich, às leth bochdainn an t-sluaigh. Gu daonnan dh'aslaich e gum briste sìos na tuathan mòra nan croitean, a chum gu suidhichte teaghlaichean orra.

Aig àm trioblaid ghluais e nam measg, a' toirt seachad chan e a-mhàin cofhurtachd spioradail ach cungaidhean leighis a shlànaicheadh an corp. A thuilleadh air a' sin bha a thaigh fhèin fosgailte an-còmhnaidh do dh'acras agus feum nam bochd."

Cha b' e beatha shocair a bha aige. Chaill e cuideachd an dàrna bean, Catrìona NicLeòid, a dh'fhàg dithis leanabh às a dèidh, agus phòs e airson an treas uair Màiri NicAmhlaigh às Na Hearadh.

Bha Iain Gobha mar mheadhan air eaglais Mhànais a thogail agus chaidh e air turas gu àiteachan mar Dùn Omhain, Baile Bhòid, Grianaig, Glaschu agus Dùn Èideann a dh'iarraidh taic, mar tha e ag innse ann an 'Dàn na Breadalbann', an t-soitheach air an t-seòl e:

An Dùn Othain àigh ghabh mi tìr mar b' àill leam
Far an d' thuig mo chàirdean cion-fàth mo chuairt
A nochd gun dàil dhomh gun robh 'n gaol bràithreil
Gu dlùth rin àirnibh le bàigh 's le truas;
'S cha b' ann a-mhàin ann am briathran blàtha
Nochd iad an gràdh bhi do chàs an Uain
Ach fial pailt làmhach do mhaoin a phàirtich
Gu Eaglais Mhànais a làn chur suas.

An dèidh fhuadach às an Òb ann an 1848, chaidh Iain Gobha a dh'fhuireach ann a' Leac a Lì. Bhàsaich e air 6 Dùbhlachd, 1852, agus tha e air a thìodhlacadh ann an Ròghadal. Sgrìobh Niall Moireasdan marbhrann dha, Cliù Iain Gobha, agus rinn fear MacIllìosa cumha dha:

'S dàn an ionnsaidh 's is cruaidh
Dhomh do chliù dhol ga luaidh,
A bha dìleas ad ghluasad is treun,
Fear do ghibhtean 's do ghràis
Bha gun leth-bhreac ad là
Mar a dh'innseas do bhàrdachd ad dhèidh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha iomradh air beatha a' bhàird agus a chuid dhàin air an cruinneachadh san leabhar Dàin Iain Gobha: The Poems of John Morison, air a dheasachadh le George Henderson (Knox Press, Dùn Èideann).

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.