Iain MacPhàidein, Muile

Rugadh Iain MacPhàidein ann an 1850 ann am Baile Mhuilinn ann am Muile. B' e an gille bu shine ann an teaghlach as an robh triùir bhalach agus còignear nighean.

Na òige thug e greis ag obair air oighreachd a' Chnuic Ruaidh mus do ghluais e a dh'Àird Driseig aig aois ochd deug agus an uair sin a Ghlaschu. Fad iomadh bliadhna bha e ag obair dhan an Glasgow and South-Western Railway Company na gheàrd aig seann stèisean Sràid an Dòchais.

Sgrìobh Coinneach Dòmhnallach ann an artaigil Glasgow and Gaelic Writing:

"MacFadyen is the most obvious example of the local bard transplanted to the city environment and continuing to fulfil his role as humorous observer and recorder of incidents within the urban "village"."

Agus bha èisteachd dheiseil aig Iain am measg an t-sluaigh a bha a' frithealadh mar eisimpleir na "Penny Readings" as na h-Assembly Rooms an Glaschu. Seo oidhcheannan de bhàrdachd, leughaidhean, sgeòil-aithris agus òrain a chaidh a stèidheachadh le eildeirean eaglais Chaluim Chille goirid mus do ghluais Iain don bhaile.

Air prògram Gàidhlig a' BhBC air 29 Dàmhair 1937 chualas mun deidhinn agus mun bhuaidh a bha aig Iain MacPhàidein air an luchd-èisteachd:

"B' ann air oidhche Shathairne a bha iad air an cumail. Bha mòr shluagh an làthair is iollach an siud agus glaodhan an seo aig gach aon ann a bhith a' fàilteachadh càch a chèile is ag gairm air na seinneadairean. Cha robh e gun straighlich air uairean.

Am measg nan seinneadairean bha aon duine beag daicheil, pongail, is e an-còmhnaidh gu speisealta air a sgeadachadh, aodann air a còmhdach le feusaig a bha dubh san àm sin ged a bha i gu math liath mu dheireadh, is lasag bheothail na shùil a' comharrachadh gum bu dhuine geur, tuigseach, toinisgeil a bha seo.

Sheasadh e an siud gu stòlda is gu ciùin mar a b' àirde a bha an ùpraid gus am biodh iad uile nan tosd is cho sàmhach is gun cluinneadh sibh am prìne fhèin a' tuiteam agus cha b' ann gus a' sin a thòisicheadh e. B' e sin Iain MacPhàidein. Cha robh aon eile air am bu mhotha meas aca, agus faodar a ràdh gur ann a bu mhotha a bha spèis air mar bu shine bha e a' fàs."

Tha Michel Byrne a' sgrìobhadh mu MacPhàidein ann an artaigil air 'Am Bàrd Gàidhlig agus am Baile Mòr' agus tha e ag ràdh:

"Tha bàrdachd MhicPhàidein a' gabhail ri Glaschu agus ga glòrachadh gu h-aighearach mar àite-còmhnaidh a' luchd-èisteachd is luchd-leughaidh, agus cleachdaidh i am baile mar àrd-ùrlar nàdarra airson nan suidheachaidhean is nan daoine a tha i a' dealbhadh – 's e an àrainneachd mun cluinn sinn Sràid an Dòchais, "an t-sràid aig Deòrsa", an Gallowgate agus Margadh an t-Salainn, "na Shaws" agus am Broomielaw, Cowlairs is Cowcaddens, "George's Square" is Gilmorehill.

Tha cuid bheag de obair a' coimhead "air ais" chun na Gaidhealtachd gun teagamh, agus nì e feum àbhachdail no romansach dhen bheàrn eadar coimhearsnachdan dùthchail agus am baile mòr, ach tha Glaschu beò na bhàrdachd mar nach eil aig bàrd Gàidhlig sam bith roimhe no as a dhèidh gu ruige Ruaraidh MacThòmais."

Cluinnear òrain MhicPhàidein fhathast – mar eisimpleir Luinneag an Iasgair (Chaidh mi gu banais am bail Inbhir Aora), Chì mi Muile nam Beann Fuar, Oran a' "Mhonkey" (Tha Niall air tighinn à Afraga is thug e "monkey" dhachaigh leis), an t-òran mun t-suirghe thubaisteach a bha aig Mal MacLusgi agus Margadh an t-Salainn. Agus nach iomadh cuirm a tha crìochnachadh le Soraidh Leibh is Oidhche Mhath Leibh.

Chaochail Iain MacPhàidein ann an 1935 aig aois 85 agus tha e air adhlaigeadh ann an Cladh Cathcart. Bha a bhean Magaidh bho Taobh Loch Fìn agus bha aon nighean aca, Anna.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.