Iain MacNeacail (An Sgiobair)

Iain MacNeacail (An Sgiobair)

Rugadh Iain MacNeacail, An Sgiobair mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, air 30 Dàmhair, 1903, ann an Siadar san Eilean Sgitheanach. Bha ochdnar chloinne aig a phàrantan, Uilleam agus Mòr, agus tha e coltach gu robh Mòr na seinneadair agus na sgeulaiche barraichte.

Thòisich Iain ag obair a' cuideachadh le caran a bha ri dhèanamh air croit an Eàrlais an Ùig 's e fhathast san sgoil. Dh'fhàg e an sgoil aig aois 14 agus b' ann mun aois seo cuideachd a thòisich e air òrain a dhèanamh.

An dèidh greis a' cuideachadh as a' cheàrdaich ann an Lianacro, bha e ag obair air croit agus aig amannan ag iasgach gus na chuir cion cosnaidh e a dh'obair air oighreachd Choir Odhar, air monadh Raineach, far an d' thug e dà bhliadhna.

Coir Odhar nam fiadh bheann
Dh'fhàg m' aigne cho cianail
Chan eil iongnadh ged liathainn le bròn;
Gun nì air gach làmh dhìom
Ach coilltean is fàsach
Is monaidhean àrda fo cheò.

Tha mi faotainn gach riasladh
Le droch shìd' agus siantan
Mach air frìthean nam fiadh
Mi gun dìon no gun sgàil;
Mi sgìth air mo chasan
Ri cuibhleadh a' bhara,
Gu saoil mi le fadal
Gur seachdain gach là.

Dh'innis e fhèin air program Gàidhlig a' BhBC mar a rinn e Òran Choir Odhar:

"Àite monadail, fiadhaich. As a' gheamhradh bha e le sneachda, 's o bhiodh an sneachda suas ochd troighean. Bhiodh na fèidh a' dol thairis air. Bha mi muigh an latha bha seo, 's bha mi cho fuar, smaoinich mi gu fàgainn e, gun dèanainn rudeigin eile. Bha e cho uabhasach.

"Ach, nach dèan thu òran!" bha na gillean ag ràdh rium.

"Dearbha, cha chreid mi nach dèan," arsa mise."

Dh'innis e mar nach biodh e a' sgrìobhadh nan òran idir.

"O rinn mi mòran òran air nach eil cuimhne agam an-diugh idir. 'S dòcha nach bithinn ach a' falbh suas, gu suidhinn air cnoc uaireannan, 's gum bithinn ag amharc rudeigin, 's gum buaileadh smaointinn mi. 'S bhithinn mar sin a' meòrachadh air an t-òran agus dòcha nach biodh guth air sin ach sin fhèin. 'S dòcha gun gabhainn uair no dhà e, 's bha e air dìochuimhn' tuilleadh."

Ann an 1939, agus e ag obair air rathaidean an Dail Chuinnidh, chaidh Iain a ghairm dhan chogadh. Chaidh e dha na Royal Scots Fusiliers agus thug sin e air feadh na Roinn Eòrpa.

Gu bheil innealan sgriosail
Tighinn 's na speuran gun fhios oirnn
Air an talamh toirt clisgeadh
'S a' bristeadh o chèil';
Longaibh adhair mar dhruidean
Feadh na h-iarmailt air uidil
'S gu bheil deatach bho ghunna
Cur a dubhar air grèin.

Ach bròn de gach sealladh
Faicinn òigridh gan sgathadh
'S iad leòint air gach machair
A' sileadh fon creuchd.
Na raointean tha dathte
Le fuil chraobhach nan gaisgeach
Nach tilleadh le athadh
Ach chaidh gaisgeil san t-sreup.

An dèidh a' chogaidh thill Iain a chuideachadh a bhràthair air croit an teaghlaich. Ann an 1947 phòs e Màiri Rothach, Màiri Dhonnchaidh Ruaidh à Gleann Hìonasdail, agus mar chàraid, ghluais iad dhan Chuidreach a choimhead às dèidh seann Taigh na Cuidrich agus am fearann. Chaidh an seann stàball a chuir air dòigh mar thaigh-còmhnaidh agus sin far an do thog Iain agus Màiri an ochdnar theaghlach, agus far an do chuir Iain seachad an còrr dhe bheatha.

Rugadh an t-Urr. Coinneach MacRath (1883-1964), cuspair an dàin Cumha Mhgr MhicRath, ann an Inbhir Pheofharain agus bha e na mhinisteir ann an Ceann Loch Chille Chiarain, ann an Cille Mhoire agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh eadar 1931 agus 1964. Dh'innis Iain mar a rinn e an dàn seo:

"Seo òran a rinn mi do Mhaighstir MacRath a bha ann a' Steòrnabhagh, ministeir a bh' aig an Eaglais Shaor ann. Bha mi eòlach air nuair a bha mi nam bhalach 's bhithinn an comhnaidh ga eisteachd. Bha fhios agam gu robh e tinn agus bhithinn an comhnaidh a' faighneachd mu dheidhinn agus chuala mi ann a' seo gun do chaochail e. Well, leis cho eòlach 's a bha mi air, 's bu thoigh leam a bhith ga èisteachd, thàinig seo gam ionnsaigh 's cha b' urrainn dhomh gun ceathramhan a chuir ri chèile."

Chaochail Iain air 17 Cèitean, 1999.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.