Iain MacIllFhinnein (Iain Scodaidh)

Rugadh Iain MacIllFhinnein, Iain Scodaidh, aig 60 Tolastadh bho Thuath, ann an 1910. B' e duine beag a bh' ann, ged is e Hercules a' far-ainm a bh' air. Bha aon phiuthar aige.

Rinn Iain an t-òran Fadachd an t-Seòladair aig àm an Dàrna Cogaidh is e air bòrd an t-soithich, ann an Caolas na Frainge, agus e a' smaoineachadh air an àite agus na daoine 's dòcha nach fhaiceadh e a chaoidh tuilleadh.

Goirid an dèidh dha an t-òran a dhèanamh, chaidh a chall air HMS Boreas air 8 Iuchair, 1940.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.