Iain MacIllEathain

Iain MacIllEathain

Rugadh Iain MacIllEathain, Seonaidh an Tàilleir, ann an Eilean Ratharsair ann an 1909.

B' e Cairistìona NicNeacail, Ciorstaidh Shomhairle Mhòir, agus Calum MacIllEathain, Calum Chaluim Iain Ghairbh, a phàrantan agus bha còignear ghillean (Iain, Calum, Somhairle, Alasdair agus Tormod) agus dithis nighean (Iseabail agus Màiri) san teaghlach. B' e tàillear a bha na athair.

Fhuair e foghlam ann an Sgoil Phort Rìgh far an d' fhuair e na prìomh dhuaisean as a h-uile cuspair fad còig bliadhna. Chaidh e an uair sin gu Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e le Sàr Urram ann an Cànanan Clasaigeach. Chuir e ri fhoghlam ann an Oilthighean Cambridge agus Vienna.

Thòisich e a' teagasg Cànanan Clasaigeach anns an Àrd-sgoil Rìoghail an Dùn Èideann an 1937, agus bha e na fhear-sgrùdaidh Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu.

Ann an 1942 chaidh e os cionn roinn nan Cànanan Clasaigeach ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis agus an dèidh sin thug e sia bliadhna na Fhear-sgrùdaidh Sgoiltean mus do ghabh e obair mar Cheannard Àrd-sgoil an Òbain sa bhliadhna 1950.

A' sgrìobhadh mu dheidhinn ann am pàipear an Òbain air 01/10/1970 rinn Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, a bha teagasg san sgoil, dealbh dhen duine:

"He combined unique gifts, a love of academic excellence and an open generosity of nature which endeared him to his pupils.

One of his favourite sayings was: "It is good to be clever but to be nice is better."

There is no doubt that he drew much of his strength from his sense of tradition, that the present was to him derived dynamically from the past, from the excellencies of great writers, great teachers and especially from the consolations of religion. His standards were high but he did not demand impossible things from others."

Rè na h-ùine a bha e ann an Sgoil an Òbain bha Seonaidh a' sàs ann an obair aonadh an luchd-teagaisg, an E.I.S., agus bha e cuideachd a' riochdachadh luchd-teagaisg air Comataidh Foghlaim Comhairle Earra-Ghàidheal. Bha e cuideachd na bhall de chomataidh a bha a' rannsachadh dà-chànanas ann an sgoiltean. Air sgàth na seirbheis a thug e do dh'fhoghlam an Alba chaidh urram F.E.I.S. a bhuileachadh air ann an 1968.

Chaochail a' chiad bhean a bha aig Iain goirid an dèidh dhaibh pòsadh, agus an ceann ùine, phòs e Joy NicNeacail, nighean Sheonaidh Phàdraig aig an robh bùth ann a' Ratharsair. Bha dithis chloinne aca, Pàdraig agus Ciorstaidh.

Bha MacIllEathain a' sgrìobhadh bàrdachd bho bha e òg. Mar eisimpleir, san earrach 1924, rinn e òran mu tharbh Pheighinn nam Fìdhleir, a thachair ris aon mhadainn 's e dol às a' Bhràighe dhan sgoil am Port Rìgh. Mar a thuirt e fhèin "Ghabh mi fìor eagal ann an camhanaich na maidne!"

Bu bheathach e bha fiadhaich
Is b' iargalt' a' chòmhdhail,
Nuair thigeadh e le sian oirnn
Gu ìosal a' chòmhnaird;
Bhiodh fraoch is sgrathan liath-ghlas
A' siabadh on t-sròin ud,
'S bha nuallanaich a bhùirean
Na dùdach is ceò ann.

Madainn dhomh 's mi ceumadh
Gu h-èisleanach, brònach,
Air m' ais o Ach na h-Annaid
Anns a' chamhanaich nam ònar;
Bha eagal orm bha cianail
Ro dhiabhail 's ro bhòcain,
'S bha tarbh Pheighinn nam Fìdhleir
A' sior chuir rim dhòrainn.

Bha e air a bheò-ghlacadh le ceòl na pìoba agus bhiodh e a' sgrìobhadh facail ri pìobaireachd:

"Tha mi smaoineachadh nach robh ceòl a rinneadh riamh an Alba cho math ri 'Cumha na Cloinne' agus air beagan den fhonn sin rinn mi cumha mu Chaluim, mo bhràthair."

Bha e cuideachd ag eadar-theangachadh gu Gàidhlig bàrdachd le ùghdairean leithid Catullus, Horace, Herodotus agus Sappho, Milton, Burns, Shakespeare, Yeats agus Walter Scott.

Air prògram Gàidhlig a' BhBC air 23/06/1970, thuirt e, na bheachd-sa, gur e:

"... gràinne-mullaich bàrdachd Shasainn, guidhe an doill Milton air solas Dhè gu toirt foillseachadh agus soilleireachadh dha, aig toiseach an treas leabhar de Pharadise Lost. Tha cuimhne agam nuair a chuala mi seo am Port Rìgh an toiseach san sgoil, bha mi smaoineachadh nach robh rud air an t-saoghal cho brèagha ris."

Fàilt' ort, a sholas an àigh
Ceud ghineal Triath àrd nan dùl
No 'n leòis bha co-mhaireann ris fhèin
Am bith-bhuantachd chèin o thùs;
Ciamar a chuirinn-s' an cèill
Le neo-chiontas bèil do chliù,
'S gur solas an Tighearna gu lèir
Gu sìorraidh do ghèiread sùil.

On thòisich an t-sìorraidheachd mhòr
B' ann annad-s' bha còmhnaidh Dhe,
An deàrrsadh an spioraid neo-thruaillt'
As lainnireach uasal gnè;
No 'n robh thu a' sruthadh glan, buan,
O thobair gun luaidh, gun sgeul,
Mun chruthaicheadh gealach no grian
No faiche ghorm-liath nan reul.

Ged a thug dìth slàinte air Seonaidh MacIllEathain a dhreuchd a leigeil dheth ann an 1966, lean e air a sgrìobhadh agus ag eadar-theangachadh bàrdachd Ghreugais agus Laideann gu Gàidhlig. Chaidh aige air crìoch a chuir air obair a thug trì bliadhna, eadar-theangachadh den Odyssey aig Homer gu Gàidhlig. Chaidh fhoillseachadh an dèidh a bhàis, agus, nuair a nochd an leabhar, sgrìobh an t-Urr. Tomas MacCalmain:

"The primary qualifications for translating poetry from one language into another are a thorough knowledge of both languages and poetic talent. John Maclean had these qualifications and they are clearly evident in his Gaelic verse translation of Homers' Greek Odyssey."

Chaochail Iain MacIllEathain san t-Sultain, 1969.

Tuilleadh Fiosrachadh: Chaidh Odusseia Homair, eadar-theangaichte le Iain MacIllEathain, fhoillseachadh le Gairm ann an 1976.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.