Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola)

B' ann à Caolas an Tiriodh a bha Iain MacIllEathain, Iain Mac Ailein no Bàrd Thighearna Chola, agus b' e greusaiche a bh' ann. Rugadh e air 8 Faoilleach, 1787, agus chaochail e an Canada air 26 Faoilleach, 1848.

Chionns gu robh an t-urram aige a bhith na bhàrd do Thighearna Eilean Chola, 's iomadh òran a rinn e ga mholadh, ach bhiodh e cuideachd a' dèanamh òrain air cuspairean an eilein agus a' cruinneachadh òrain.

Dh'fhoillsich e cruinneachadh de dh'òrain leis fhèin agus le daoine eile ann an 1818.

Chaidh e a Chanada sa bhliadhna 1819, an toiseach gu Baile Chnoic, an Siorrachd Phictou ann an Alba Nuadh, ach ghluais e san Fhaoilleach, 1831, gu baile fearainn goirid do dh'Abhainn Sheumais an Siorrachd Antigonish, ris an cante Gleann a' Bhàird, mar chuimhneachan air.

B' e Am Bàrd MacIllEathain a bh' aca air ann an Alba Nuadh agus tha fhios gur e Òran do dh'Ameireaga (A' Choille Ghruamach), a rinn e goirid an dèidh dha Canada a ruighinn agus a chuir e dhachaigh gu a chàirdean an Alba, an t-òran is ainmeil a rinn e.

Ann an 1928, nuair a dheasaich Eachann MacDhùghaill an dara foillseachadh den leabhar Clàrsach na Coille, as na dh'fhoillsich an t-Urr. Alasdair MacIllEathain Mac na Ceàrdaich òrain a' bhàird, sgrìobh e:

"An Eilean Chola bha meas mòr air bàrdachd Iain Mhic Ailein, mar a theirte ris A' Bhàrd MhacIllEathain agus is tric a chualas A' Choille Ghruamach gu sònraichte, ga seinn anns na cèilidhean. Cha b' fhiach am fear-seinn nach biodh an t-òran uile aige air a' mheomhair, is cò a sgìthicheadh dheth gus am biodh an t-sreath mu dheireadh air a liubhairt?

Bha Gàidheil nan eileanan a' sealltainn air A' Choille Ghruamach mar an aon iomradh a b' fhiach gèill a thoirt dhith air an dùthaich aibhsich ud a bha cho fada siar, agus mar sin, bha an doilgheas na bu chràitiche is na bu doimhne an uair a thigeadh orra aghaidh a chur air an dùthaich sin, is am beò-shlàint air a h-àicheadh orra nan tìr fhèin."

Ged nach do chòrd a bheatha san dùthaich ur idir ris a' bhàrd an toiseach, dh'atharraich e inntinn mu dheidhinn an ceann ùine. Thàinig e gu creideamh làidir a bhith aige agus rinn e laoidhean air iomadh cuspair, nam measg 'Tuiteam an Duine', 'Abhainn Iòrdan', 'Là a' Bhreitheanais', 'Turas a' Chrìosdaidh', 'An Cogadh Naomh' agus Grian na Fìreantachd.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.