Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn)

Rugadh Iain MacIllEathain, Bàrd Bhaile Mhàrtainn, an Tiriodh ann an 1827, ann an àite ris an cante Gàrradh Shòiribidh, air a' chrìch eadar Baile Mhàrtainn agus am Baile Nodha. Chuir e a bheatha seachad ann am Baile Mhàrtainn, air croit beag faisg air an àite san d' rugadh e.

'S ann mu mhuinntir a' bhaile agus mu thachartasan san àite bu mhotha a bha e ri bàrdachd, ged a bha e uaireannan a' dèanamh dhàin mu chuspairean a bha a' bualadh air iomadh àite is baile air feadh na Gàidhealtachd.

Rinn e an t-òran 'A' Ghruagach Mhaiseach Dhonn' do thè a mhuinntir Bhaile Mhàrtainn, Màiri Dhòmhnallach, Màiri Ni'n Alasdair, airson taing a thoirt dhi airson a' choibhneis a bha i air nochdadh dha.

Bha leannan aig Màiri air an robh Donnchadh Dòmhnallach agus rinn am bàrd an t-òran mar gum b' e Donnchadh a bha a' bruidhinn:

A ghruagach a' chùil shnìomhanaich,
Bhean òg is miannach leam,
Do phearsa dhìreach chumachdail,
A chuir mi ort an geall:
Is maiseach, banail, cliùiteach thu,
'S ro mhodhail aig gach àm,
'S tha blàth mar dhrùchd na h-iarmailt ort,
Mar dheàrrsadh grèine air fonn.

'S ann thig an sìod' am fasan air
Do chuailean maiseach donn;
Sùil chorrach is glan sealladh leam,
Mar dhearcagan nan tom;
Do ghruaidhean mar na ròsan
Nuair a bhios iad òg is fann,
'S do shlios mar fhaoileann mara,
No mar chanach geal nam beann.

Mo chailin ghrinn dheas fhuranach,
Tha urram ort nach gann,
'S tu thogadh smal is mì-ghean dhìom
An uair bhiodh m' inntinn trom;
'S tu dhèanadh tric dhomh ùrachadh,
'S bu shunndach thogadh fonn;
Le guth mar cheòl na fìdhle, no
Mar smeòraich bhinn nam beann.

Ceud soraidh slàn thar chuantan leat
A ghruagach mhaiseach dhonn,
Le dùil gum faic mi sàbhailt' thu
Bheir mi mo dhàn gu ceann;
Ged chaidh thu fad air astar bhuam
Do Ghlaschu nan Gall,
'S i Tìr a' mhurain dhù-ghuirm
A bu dùthchas dhut bhith ann.

Rinn Bàrd Bhaile Mhàrtainn an t-òran Hì ho rò 's na hò rò eile mar gum b' e Màiri a bha a' moladh Dhonnchaidh:

Do chùl dualach, cuachach, bòidheach,
Falt do chinn mar ite 'n lòn-duibh,
Do dhà ghruaidh air dhreach nan ròsan
'S iad fo dhealta ceò na maidne.

Tha do chalpa cuimir, dìreach,
Mar bhradan aibhne ruith gu fìor-ghlan;
'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut
Am measg na bheil de shluagh air thalamh.

Ann am prògram a rinn e don BhBC mun bhàrd, thug an t-Ollamh Dòmhnall Meek, e fhèin à Tiriodh, an dealbh seo air Iain MacIllEathain:

"Duine sunndach èibhinn a bha comasach air gàire a dhèanamh mu choimhearsnach, gun a bhith ceacharra no sgaiteach. 'S ma bha muinntir an àite a' faighinn toileachadh às na h-òrain aige, cha robh nì a b' fheàrr leis."

Chan eil teagamh nach robh muinntir Thiriodh agus iomadh Gàidheal eile a' faighinn toileachas às na h-òrain aig Bàrd Bhaile Mhàrtainn, na h-òrain gaoil a rinn e agus gu h-àraidh an fheadhainn a rinn e a' tarraing à Calum 'Beag' MacArtair:

Nuair ràinig thu Àird Driseig bha na h-igheanan an tòir ort;
Chum iad ann ad chabhaig thu toirt caithream dhaibh air òrain;
Do ghillean 's iad air bhuidealaich an cuideachd Mhic an Tòisich
Is chaidh thu thar na còrach ag òl sa Chàrn Bhàn.

Dol seachad na caol Bhòtach cha mhòr nach deach d' fhuadach
A' tadhal anns gach acarsaid 's an tachradh riut gruagach;
A' sùgradh 's a' beadradh 's gach baile beag mun cuairt dhiot
'S nuair ràinig thu Cluaidh thug thu nuas na siùil àrd.

Nuair ràinig thu Glaschu cha b' aineolach mun dòigh thu;
Bha nìonagan a' bhaile sin a' togar tighinn ad chòmhdhail;
Cha b' ioghnadh leam idir ged a thigeadh dhuit bhith spòrsail
'S a liuthad caileag bhòidheach tha 'g òl do dheoch-slaint'.

B'e siud a' chaileag chuireideach nuair thug i leatha dh' òl thu
'S a dhannsa gu lùthmhor air ùrlar bha còmhnard;
Ach char i thu san doilleireachd le boile Mhic an Tòisich
Nuair thug i thu don t-seòmar – bha stòiridh fo làr.

Bha sgeulachd aig an t-Ollamh Meek mun bhàrd:

"Tha e air aithris gu robh e daonnan a' dèanamh rannan, 's nach biodh an inntinn aige uile gu lèir air an obair a bha e a' dèanamh.

Aon latha, tha 'd ag ràdh, chaidh e do Sgairinis far a bheil cidhe an eilein. Bha each is cairt aige 's bha e mar chleachdadh aige a bhith a' coiseachd air thoiseach air an each.

Nuair a dh'fhàg e Sgairinis, 's e tilleadh dhachaigh, bha gnothaichean ceart gu leòr, am bàrd a' coiseachd aig ceann an eich 's an t-each na throtan.

Ach nuair a ràinig e Baile Mhàrtainn cha robh sgeul air an each no air a' chairt. Cha robh dad na làimh ach an taod!"

Tha taobh eile de dh'Iain MacIllEathainn ri fhaicinn anns an t-òran a rinn e nuair a dh'fhalbh e fhèin agus a bhràthair, Teàrlach, às an eilean a shireadh beatha ùr ann an Canada ann an 1878:

Gur muladach mise 's mi 'n seo gun duin' idir
A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dàn;
Le dùrachd mo chridhe, soiridh slàn leis na gillean
A sheòl thar na linne gu Manitobà.

Bu ghrianach ar madainn nuair bha sinn nar balaich,
Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh màil;
Le ceòl is làn aigheir, cha laigheadh an smalan
Air a' chomann a bh' againn am Baile nam Bàrd.

Mi 'm shuidhe gu h-uaigneach air tulaichean uaine
Tha nithean gam bhuaireadh nach cualas le càch;
Mi caoidh nam fear sunndach bha ceanalta, cliùiteach,
Dh'fhàg eilean an dùthchais 's an cùl ris gu bràth.

'S nuair a ràinig a' mhadainn gu dol air an aineol
'S a thionail gach caraid a bh' aca san àit',
Chan urra mi aithris am bròn a bh' air m' aire
'S an cùl ris a' bhaile sa mhadainn Dimàirt.

'S e faileas nan daoine 's nach sgarach an saoghal
'S e 's fasan dha daonnan bhith caochladh gach latha;
Nar coigrich air uachdar, cha mhaireann 's cha bhuan sinn
Is mìltean de thruaghain gam fuadach thar sàil.

Tha luchd-fhearainn shaoir as an àm seo ro-ghaolach
Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chàch;
'S bidh innealan baoghalt' sa Ghàidhealtachd daonnan
Gu fògradh nan daoine, 's cur chaorach nan àit'.

'S chan fhaic mi san àm seo ach caoraich air bheanntan:
Chan eil as a' ghleann ach fear Gallda no dhà:
'S Am beagan a dh'fhan dhiubh air rudhachan mara
Gan iomain gu cladach 's gam feannadh le màl.

Ged nach do dh'fhàg Bàrd Bhaile Mhàrtainn Tiriodh, b' e duine foghlamaichte a bh' ann, aig an robh beachdan làidir, mar a mhìnich an t-Ollamh Meek:

"Dh'ionnsaich e leughadh is sgrìobhadh am Beurla 's an Gàidhlig. 'S e ministeir Baisteach a bh' as an eilean, Donnchadh MacLùgais, a thug an t-ionnsachadh sin dha 's tha e air aithris gun do dh'ionnsaich e beagan eachdraidh dha cuideachd.

Tha e a' bruidhinn às leth an t-sluaigh ann an Òran Mhanitoba 's lean e air a' dèanamh sin. Bha e gu h-àraidh trang aig àm a' Land League nuair a dh'èirich na croitearan an aghaidh nan uachdaran. Ged a dhiùlt e òrain a dhèanamh a' cur sìos air na bàillidhean cha robh teagamh nach robh e gun math fada air taobh nan croitearan."

Ann an 1886 bha ùpraid ann an Tiriodh agus chuir Diùc Earra-Ghàidheal marines dhan eilean gus na daoine a smachdachadh. Chaidh ochdnar a chuir an grèim agus rè ùine bha cùirt an Dùn Èideann. Bha am bàrd am measg an fheadhainn a chaidh an gairm mar fhianaisean air 18 Dàmhair, 1886. Chaidh a' chùis an aghaidh nan Tiristeach agus chaidh an cur dhan phrìosan. Ann an 'Òran nam Prìosanach' tha e a' nochdadh gu soilleir cò an taobh air a bheil e a' seasamh:

Mun tàinig Diùc ann, no aon de shinnsir
No Deòrsa rìoghail à rìoghachd Hanòbhar
Bha 'n t-eilean ìosal, bu lìonmhor àirigh,
Aig clann nan Gaidheal na àite còmhnaidh.

Gach eilean ìosal no beanntan àrda,
'S gach gleann bha 'g àrach nan Gàidheal còire,
Tha mòran fàs dhiubh, gun duin' ach cìobair
O Mhaol Chinntìre gu Taigh Iain Ghròta.

Tìr nan gaisgeach 's nam breacan rìomhach
B'e uaill na rìoghachd iad ged chaidh am fògar;
Bu lìonmhor àirigh is bà air buaile,
Le ceòl nan gruagach mu bhruachaibh Mòirbheinn.

Chùm iad Cèasar as le chuid lèigion
Fir Lochlainn ghèill iad do Chaledònia;
Aig blàr na Leirge chaidh ruaig air Hàcon
'S e meud a thàmailt thug bàs ri bròn dha.

Is tha luchd-àiteachaidh an eilein ìosail
Fo ghrunnan millteach, gun àite còmhnaidh,
'S e 'n-diugh na fhàsach aig luchd am mìoruin
A chuir sa phrìosan ar gillean òga.

Cha do phòs Iain MacIllEathainn a-riamh ged tha fhios gu robh leannan aige bhon òran tiamhaidh a rinn e nuair a dhealaich iad:

A mhaldag a bhroillich ghil
Marbh mi bhon dhealaich sinn
A mhaldag a bhroillich ghil
'S tu rinn mo chridh' a thàladh.

Rinn e co-dhiù dà òran mun "luibh phrìseil ud, 's e 'n ioc-shlàinte i san àite seo", Di-moladh na Tì agus 'Òran na Tì'.

Chaochail Bàrd Bhaile Mhàrtainn ann an 1895.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.