Iain Eàirdsidh MacAsgaill

Rugadh Iain Eàirdsidh MacAsgaill air 19 Gearran, 1898. Bha e air ainmeachadh air bràthair a sheanar agus air fear eile a bha càirdeach dhaibh a chailleadh aig muir. Bha dlùth cheangal aig a mhàthair ris a' bhàrd, Iain Gobha na Hearadh.

Na bhalach òg chuir e seachad mòran ùine an taigh a sheanair, taigh ùr air croit ùr ann am Borgh, far an cuala e sgeulachdan, òrain agus bàrdachd gu leòr.

Dh'fhàg e an sgoil an 1912 aig aois 14. Thug e dà bhliadhna na bhuachaille am Borgh, agus tha e coltach gu robh e air leth dèidheil air sealg le gunna.

An 1914 dh'fhàg e Beàrnaraigh airson a' chiad uair. Chaidh e na shaighdear agus na phìobaire dhan chòigeamh Battalion de na Camshronaich. A dh'aindeoin 's gun robh e anns na blàir a bha aig Bethune, Flanders, Loos, an Somme agus Arras, thàinig e tron chogadh gun a leòn, agus thill e gu sàbhailte dhachaigh a Bheàrnaraigh.

Cha robh e ann fada mus do thog e air a-rithist, an turas seo a Ghlaschu far an robh e na phoileas agus na phìobaire ann an còmhlan pìobairean phoilis a' bhaile. Fhuair e iomadh duais pìobaireachd fhad 's a bha e còmhla riutha.

Deireadh na Màrt, 1923, thill e a-rithist a Bheàrnaraigh ach cha do dh'fhuirich e fada. Bha e air cluinntinn cho math agus a bha Astràilia is chuir e roimhe a dhol ann, mar a rinn mu 9000 duine ann an 1924, le taic bhon riaghaltas. Chaidh a bhràthair Calum a-null còmhla ris 4 bliadhna an dèidh sin.

Dh'obraich iad cruaidh agus chaidh gu math leotha an toiseach. Ach thàinig àm a' chruaidh-fhortan is thuit prìsean. Bha tiormachd mhòr anns an tìr agus cha robh cùisean math idir. Thill an cianalas agus tha an t-òran Eilean Bheàrnaraigh, a rinn e mu àm na Bliadhn Ùir, 1931, na dhearbhadh air an sin.

Chan fhaca e Beàrnaraigh tuilleadh. Dà bhliadhna an dèidh seo, thàinig grèim mòr air agus bhàsaich e am Peairt. Tha e air a thiodhlacadh an Cladh Karra Katta, letheach slighe eadar Peairt is Freemantle, ged tha dòchas aig cuid de a chàirdean a thilleadh a Bheàrnaraigh a dh'aithghearr.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.