Iain Dubh Geàrr agus Iseabail NicAnndra

Bha fear de Chloinn Ghriogair, Iain Dubh Geàrr, à Ruadh-shruth ann an Gleann Lìobhann aig fèill an Cill Fhinn aig deireadh na siathamh linn deug no toiseach na seachdamh linn deug.

Chaidh ionnsaidh a thoirt air le ochdnar ann an Taigh na Sràide, Streethouse, taigh-òsta Chill Fhinn. B' e duine làidir a bh' ann, sgileil le claidheamh agus rinn e a' chùis orra agus theich e do Shrath Spè far na phòs e tè Iseabail NicAnndra.

Thàinig dusan an tòir air le fear os an cionn. Nuair a chaidh rabhadh a thoirt dha gu robh iad a' tighinn, bha e dol a theiche ach thuirt Iseabail, a bhean, ris gum bu choir dha seasamh aca.

Bha gunna 's daga aige agus bha esan a' losgadh orra troimh thuill ann am balla an t-sabhail fhad 's bha a bhean a' gleusadh nan gunnachan dha. Mu dheireadh bha na nàimhdean uile marbh no air an leòn. Thàinig Iain Dubh a-mach an uair sin 's thug e an ceann bhon h-uile duine aca.

Thug Iseabail deoch leann dha 's nuair a thràigh e e, bha e air a ràdh gun do chruthaich iad an dannsa, Na Tulaichean no Reel of Tulloch, a bha measail aig daoine riamh on uair sin.

Seo an dreach den t-òran a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna 1884 anns an leabhar The Killin Collection of Gaelic Songs with Music and Translations, a dheasaich Teàrlach Stiùbhart a rugadh ann an 1823.

Bha Teàrlach à Fartairchill aig ceann shìos Ghleann Lìobhann agus tha e ag ràdh gu robh e den bheachd gun robh an ceòl ann bho shean. Tha e ag ràdh cuideachd gum buineadh na lighichean Gregory, a rinn Sgoil nan Lighichean ann an Dùn Eideann cho ainmeil, don t-sliochd aig Iain Dubh Geàrr.

San rann mu dheireadh tha fear MacAilpein air ainmeachadh agus tha an t-òran ag ràdh "Bu bhinn leam bhith ga èisdeachd". Tha e coltach gu robh na h-Ailpeinich nam fìdhlearan ainmeil ann an Cill Fhinn agus bha fear dhiubh ann, Iain MacAilpein, a bhiodh a' cluich an fhuinn seo. Tha an ceòl dlùth ris an dòigh-chluich aig MacAilpein, agus tha Teàrlach Stiùbhart ag ràdh gu bheil e glè fhreagarrach gum biodh e mar seo 's na h-Ailpeinich air a bhith ga chluich fad trì cheud bliadhna.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.