Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne a bu mhàthair dha agus bhuineadh a cuideachd do Bharabhas. Bha dithis pheathraichean aig Iain, Murdina nach maireann, agus Mòrag, a tha a' fuireach ann am Beinn na Dròbh, faisg air Steòrbabhagh.

Fhuair e am far-ainm Tonkan chionn 's gun robh am bodach an ath dhoras dhaibh ga shamhlachadh ri Aonghas Dòmhnallach, à Pabail Uarach, athair an t-seinneadair Iain Dòmhnallach (Hoddan), air an robh am far-ainm Tonkan. Bha esan a' deanamh òrain agus uamhasach measail air ceòl.

Nuair a bha e na bhalach òg bhiodh Iain a' deanamh luinneagan beaga agus bha e dèidheil air feadalaich. Bhiodh am bodach an ath dhoras ag ràdh ris "'S ann a tha thu a' toirt nam chuimhne Tonkan à Pabail Uarach" agus lean an t-ainm ris.

Chaidh e do Sgoil na h-Àirde gus an robh e còig bliadhna deug agus an dèidh fàgail bha e a' miannachadh ciùird ionnsachadh. Gu mì-fhortanach cha robh cothroman ann sin a dhèanamh aig an àm. Mar sin chaidh e a dh'obair airson ùine ghoirid do chompanaidh P. M. Mhic a' Ghobhainn, a bha a' togail Ostail Ghibson ann an Steòrnabhagh agus an dèidh sin bha e mu bhiadhna air an FPV Vaila, tè de Bhàtaichean Dìon an Iasgaich.

Roghnaich e an uair sin, ann an 1950, a dhol gu muir domhainn agus b' e an Errington Court a' chiad bhàta air an do sheòl e a-mach à Glaschu. Airson a' mhòr-chuid dhen ùine 's ann aig Loidhne Blue Star a bha e, a' seòladh timcheall Astràilia, Sealan Nuadh agus suas taobh an iar Ameireagaidh, an toiseach na lamp trimmer agus mu dheireadh na bhòsun. Mu dheireadh, shaoil e gun robh e air gu leòr dhan dòigh-beatha sin fhaicinn agus dh'fhàg e a' mhuir ann an 1967.

Dh'ionnsaich e dreuchd na saorsainneachd, rud a bha riamh na inntinn, ann an Glaschu agus 's ann aig togail Drochaid Kingston a fhuair e a' chiad obair. Thug e mu thrì bliadhna ag obair timcheall a' bhaile.

Ann an 1968 phòs e Cairistìona Reid, à Springburn, agus tha triùir chloinne aca - Catrìona, Erica agus Coinneach.

Ann an 1969 thàinig iad a dh'fhuirich a Leòdhas agus rinn iad an dachaigh ann am Port nan Giùran, far a bheil iad chun an làtha an-duigh. Bha Iain ag obair aig Stornoway Builders, an toiseach a' togail thaighean anns an Àird. Bha e anns an obair sin airson dhà neo trì bhliadhnaichean, ach nuair a dh'fhàs obair thogail thaighean gann chaidh e air ais gu Bàtaichean Dìon an Iasgaich, a dh'obair air FPV Minna.

An dèidh a bhith mu dhà bhliadhna air ais aig muir thill e gu tìr agus bha e ag obair aig Companaidh MhicLeòid an Eilein Sgitheanaich, a' togail Amar-snàmh Steòrnabhaigh. Chaidh e a-mach air a cheann fhèin ann an 1987, ag ùrachadh thaighean agus ag obair anns na Hearadh glè thric. Bha e aig an obair sin gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2001.

Cha b' ann na òige a thòisich e air seinn idir ach na inbheach thall ann an Astràilia agus an Sealan Nuadh. 'S e Rudhach eile, Tommy Darkie, a tha ainmeil airson cluich a' bhogsa, a bhrosnaich e airson a dhol air an àrd-ùrlar airson a' chiad uair. Bhiodh Iain a' seinn òrain Bheurla còmhla ri Tommy anns na clubaichean Èireannach ann a' Sydney, ach 's e òrain Ghàidhlig a bhiodh aige nuair a bhiodh e aig cruinneachaidhean nan Comainn Albannach ann a' Wellinton agus Auckland.

'S ann an Aitreabh nan Gàidheal, ann an Glaschu, a sheinn e airson a' chiad uair ann an Alba, an dèidh a bhith air a phiobrachadh le Sgàire MacAoidh, nàbaidh dha à Port nan Giùran, a bha air a dhachaigh a dhèanamh ann an Glaschu. Bhon uair sin bha Iain a' seinn ann an iomadach àite timcheall a' bhaile, agus gu h-àraidh ann an taigh-seinnse Rex, air Sràid Earra-Ghàidheal gach oidhche Shathairne.

Chaidh a' chiad teap de na h-òrain aige Take Tonkan a' chlàradh ann an 1976 agus ri linn sin bha iarraidh mhòr air aig cèilidhean air feadh na dùthcha. Rinn e dà theip eile an dèidh sin.

An dèidh tilleadh air ais a Leòdhas lean Iain air a' seinn aig cèilidhean agus bhiodh e fhèin agus a bhean, Cairistìona, a' seinn còmhla uaireannan, ann am Beurla, aig cèilidhean anns an Àird.

'S e Iain fhèin a chuir am fonn air Baile M' Àrach. Bha e ag obair ann an Carlabhagh aon uair agus bha e a' gabhail grèim bìdh ann an Taigh-òsta Doune Braes nuair a thàinig am fear seo far an robh e agus dh'fhaighnich e dha, "An tusa Tonkan?" Nuair a fhreagair Iain gum b' e, thuirt e "Uill, mise Seòras MacLeòid, agus tha mi air òran a sgrìobhadh agus 's dòcha gun cuir thu fonn air dhomh." Dh'inns e an uair sin do dh'Iain mar a sgrìobh e an t-òran agus e na sheasamh ann am bealach faisg air an dachaigh aige, a' coimhead sìos air a' bhaile anns na thogadh e, Dail Mòr.

Choisinn Iain am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Bhaile Ghobhainn, ann an 1990. An-duigh chan eil e a' seinn ach an-dràsta 's a-rithist, mar as trice aig cuirmean ciùil airson carthannais.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.